Rudan Eibhinn a thàinig à Eirinn

1. Tha ‘the shift’ an an aon rud ris ‘the Christmas’

  1. Is ionann ‘the shift’ agus ‘the Christmas’.

2. Chan eil e gu diofar dè cho acrasach sa tha thu, chan eil e ceart gu leòr leumadair ithe

2.  Is cuma cé chomh hocrasach is atá tú, níl sé ceart go leor deilf a ithe.

12544198_10204079117338265_1318891747_o

3. Tha iad a’ toirt spèis don a chlub agus an DJ tro bhith a’ pògadh an làr

3.  Tugann siad ómós don chlub agus don DJ tríd an t-úrlár a phógadh.

12443500_10204079116658248_1839907903_o-2

4. Tha iad nas trìce air an làr na tha iad air an casan fhad ’s a tha iad a’ dannsa

4.  Bíonn siad ar an úrlár níos minice ná mar a bhíonn siad ar a gcosa agus iad ag damhsa.

12562669_10204079143498919_125818_o

5. ’S urrainn do bhalaich deideag ionndrainn cuideachd

5.  Is féidir go mbraitheadh buachaillí bréagáin uathu freisin.

12562602_1030452176978332_2121374802_o

IMG_7553

IMG_7562

6. Tha na h-Eirinnich dìreach cho math air Ballgown Sundays

6. Tá na hÉireannaigh díreach chomh maith céanna ag Ballgown Sundays

7. Tha Gramaphones ann airson a’ bhith ‘g òl às

7.  Tá Gramaphones ann le bheith ag ól astu.

12562614_10207695020032077_548775012_o

8. Tha Scooby Snacks cho dona ris an diabhal fhèin

8.  Tá Scooby Snacks chomh dona leis an diabhal féin.

12545923_10204079327703524_1948008627_o

9. Tha tòrr dealbhan riatanach aig Pàirc Celtic

9.   Tá carn mór griangraf riachtanach ag Páirc Celtic.

12469438_1101380759881376_4866680777884287632_o

10. Tha Inbhir Nis dìreach mìorbhailleach 

10.  Tá Inbhir Nis go hiontach ar fad

11. Tha na h-Albannaich gu math deigheil air ceilidh (leisgeul daoine a bhualadh fhad sa tha Robert Robertson a’ seinn)

11.  Tá na hAlbannaigh tógtha leis na céilithe (leiscéal is ea é daoine a bhualadh a fhad is       a bhíonn Robbie Robertson ag seinnt).

12539908_10204079382864903_473381836_n

12. Tha tuigs’ na Gàidhlig/Gaelige a’ fàs nas fheàrr fhad ‘s a tha an co-mheas eadar deoch-làidir agus d’fhuill ag èirigh.

12.   De réir mar a ardaíonn leibhéal an alcóil san fhuil, is é is fearr a thuigtear an     Ghaeilge/an Ghaidhlig.

12546137_10204079354744200_500353724_o

13. ’S urrainn do sgiathan cearc a bhith nan mìlsean a bharrachd  air cursa-toiseachaidh ann an Alba

13.  Is féidir sciatháin chirce a ithe mar mhilseog chomh maith le cúrsa tosaigh in Albain.

12576367_10204079470227087_753728246_n

 

14. Tha gaol air nigheanan na h-Eireann air Robert Robertson nas laidire nan gaol aig na h-Albannaich air

14.  Tá an grá atá ag na hÉireannaigh do Robert Robertson níos láidre ná an grá atá ag na hAlbannaigh dó.

12562341_10204079366224487_1185806722_o

15. ’S urrainn do dheoch-làidir a bhith mar breacaist, lòn agus dinneir nuair a tha na h-Eirinnich agus na h-Albannaich còmhla

15. Bíonn an deoch mar bhricfeasta, lón agus dinnéar nuair a bhíonn na hÉireannaigh agus na hAlbannaigh le chéile.

16. Feumaidh tu fèineag fhaighinn sa fras

16.  Is féidir féinphic a ghlacadh sa chith.

12528317_10207723203056635_628717122_o

17. Tha cliath-bhogsa leann a’ cumail droch cheann ghoirt air falbh 

17.   Cuireann cliathbhosca beorach na póit díot.

12562852_755115014624379_1106628744_o

18. Ged a tha na h-Eirinnich còltach ri Micheal Flatley….chan fhaigh na h-Albannaich càil ach Micheal Fat Knee.

18.   Chomh fada is atá na hÉireannaigh cosúil le Michael Flatley…. Ní éiríonn leis na hAlbannaigh ach Michael Fat Knee a bhaint amach.

19. Tha alter egos again eadar Eirinn is Alba

19.   Tá alter egos ag Éire agus ag Alba

20. Tha gaol aig Glaschù air na Nollaige

20.   Tá grá ag Glaschú don Nollaig.

12546223_10204079117818277_900965588_o

 

Advertisements

Dè na rinn sibh airson na Nollaige?

Ricky Hannaway

‘S e seo an t-àm dhen bhliadhna nuair a bhios cuid de dhaoine ag ith’ agus ag òl cus, ‘s mi bha gu deimhinne. A bharrachd air sin ‘s e àm son na teaghlaichean a thighinn còmhla, oidhcheannan làn chabadaich, àbhachdas agus geamannan – gu deimhinne nach d’ rinn mise sin.

Sgàth ‘s gun robh m’athair air ais aig muir, chaidh mi fhìn ‘s mam a-null a dh’Uibhist far a bheil mo phiuthar a’ fuireach. ‘S e tràideasan a th’ ann, sinne a’ dol a-nuas no iadsan a’ tighinn a-nios a Leòdhas.

Cha robh mi ann ach son seachdain sgàth ‘s gu bheil mi a’ falbh a Ghlaschu son a’ Bhliadhna Ùir ‘s an uair sin Vietnam son mìos. Ach fhad ‘s a bha mi ann bha deagh spòrs agam.

A-measg a h-uile rud a rinn mi, bha mi a-muigh a’ coiseachd, a’ tadhal air daoine mu dheas ‘s mu thuath agus aig aifreann. ‘S caomh leam an t-àm seo, gu h-àiridh a’ dol dhan eaglais air oidhche na Nollaige, ‘s e rud sònraichte a th’ ann a bhith a’ dol mach aig 23:30 son seirbheis charol agus an uair sin an aifreann fhèin aig 00:00. As dèidh na seirbheis mar bu thrice dh’fhosglamaid tiodhlac bheag ach am bliadhna cha d’ rinn sinn e.

12449439_10156376045835113_934785080_o

Ged nach robh clann sam bith am broinn an taighe bha sinn air ar cois tràth sa mhadainn son na tìodhlaicean fhosgladh. Bha ceathrar againn, mam, Charlene, a bramair Brendan agus mi fhìn. Fhuair mi na flights son Vietnam bho mam ‘s dad agus rudan àbhaisteach mar smellies.

Tha iad a’ fuireach ann an Rhugashinish far am buin a theaghlach , mar sin thàinig màthair, athair agus an dithis phiuthar aig Brendan chun taighe. Rinn iad na tìodhlaicean aca ‘s an uair sin choimhead sinn na soaps – an rud as miosa san latha nam bheachd, ‘s lugha orm na soaps.

Co-dhiù as dèidh na soaps bha am biadh deiseil. Leis an dà theaghlach ri chèile ‘s e ochdnar a bha timcheall a’ bhuird. Abair spread a rinn mam ‘s Charlene, turkey agus beef agus na trimmings gu lèir. Ag èisteachd ri amhrain na Nollaige agus a’ togail selfie no dhà man a chì sibh.

12443829_10156376044815113_1149150440_o

Leis an fhirinn innse cha b’ urrainn dhomh coiseachd as dèidh dhomh dìnnear ithe, ach bha beàrn son Vienetta, tric a bhios beàrn son dessert.

Chaidh mi a-mach son cuairt leis a’ chù. Just to walk off the co-op delivery nam stamag, eil fhios agad.

San fheasgar thàinig an teaghlach air fad aig Brendan son geamannan a chluich. Bha sia duine deug uile gu lèir san seòmar-suidhe beag, feumaidh mi ràdh gu robh e blàth, ach comhfhurtail gu leòr. An toiseach chluich sinn Mr & Mrs, geama ainmeil a nochdas air an tbh. Cha robh càil a dh’fhios agam mu dheidhinn. Bha ochd buidhnean nar measg a’ cluich an aghaidh a chèile, bha dà phaddle aig gach fear, buidhe agus gorm. Bidh fios agaibh uile cò ris a tha e coltach….

12436522_1069881503036229_1712604288_o

An latha as dèidh Boxing Day chaidh mi son cèilidh air Josie, ach thachair rudeigin. Cho luath sa ràinig mi aig an taigh aice, dh’innis an car dhomh nach robh connadh sam bith air fhàgail na broinn – #lodgerfortheevening man a thuirt i fhèin. A-nis fhad ‘s a tha mi a’ sgrìobhadh a’ phìos seo, ‘s ann air a’ chouch a lorgas sibh sinn, a’ gabhail Sineabhar na Hearadh. Mar a chanas na seann dhaoine – tha e math ‘s tha e math dhut ‘s tha e math tric – ‘s e sin an fhirinn.

Deagh dhòigh a chuireas crìoch air deagh sheachdain ann an Uibhist agus ma gheibh mi air falbh bhon eilean seo tha Vietnam a’ feitheamh son mìos.

An dòchas gun robh Nollaig mhath dhuibh uile agus Bliadhna Mhath Ùr / Bliadhna Ùr Mhath (Uibhisteach) nuair a thig i.

Gordan MacCoinnich

Bha mi air ais dhachaigh sa Phloc airson àm na Nollaige.  Ged ’s e baile-beag trang as t-samhradh, ’s e baile gu math socair sa gheamhradh a th’ ann, ach aig àm na Nollaige bidh na Plocaich tilleadh bho na bailtean-mòra.  Le iomadh duine ionadail mun cuairt bidh gu leòr tachartasan sa bhaile agus san sgire Loch Aillse san fharsaingeachd.  Air Oidhche na Nollaige bha crannachair-bliadhnail ann an Taigh-òsda a’ Phluic. Bha ceud tiocaidean gan reic le duaisean leithid iPads is Kindles ri fhaighinn ach airson an t-siathamh bliadhna ann an sreath cha d’ bhunnaich mi sian.  Bha latha na Nollaige fhèin sàmhach sa bhaile leis a’ mhòir chuid còmhla ris na teaghlachan aca.  Air Là Fhéill Steafain/Là an Dreathain thàinig cluicheadairean bhall-coise seann is òg ri cheile airson geama càirdeil a chluich. Chriochnaich an geam còig an urra, agus cha d’fhuair mi mòran thadhail am bliadhna!  As-deidh a’ gheama chaidh gu leòr dhan Dòrnaidh airson cèilidh le Sketch le Darren Mac’IlleLeathain is eile agus bha ‘raimh’ ann as-deidh làimh.

12466310_10156353321065623_754449617888363934_o

Air Oidhche Challainn, bha fireworks is bonfire air losgadh air Eilean nan Gamhainn sa bhàigh a bha ri fhaicinn bhon phriomh shràid.  Bha mu 300 neach a-mach sa char-pàirc air a shon. As-deidh sin (ma bha thu fhathast comasach) chaidh cuid gu Talla a’ Bhaile airson cèilidh ach chaidh mi fhèin is eile mun cuairt nan taighean airson ‘a chiad-chuairt’ le botal is pìos-guail nam laimh.  Cha innsidh mi dhuibh dè uair a fhuair mi dha mo leabaidh….

Thill mi dhan bhaile mhòir an-diugh airson beagan socair fhaighinn!  Gus an ath thuras ma-ta.

1933791_10156353321550623_1782688822768736694_n

Amina Davidson

Nuair a bha mi deiseil a’ comharrachadh na Nollaige air an Eilean Sgitheanach, thàinig mi air ais dhachaigh a Dhùn Èideann airson na saor-laithean a chur seachad còmhla ri mo mhàthair. Cha d’rinn sinn tòrr airson an latha fhèin ach bha daoine againn a’ cèilidh oirnn sa mhadainn air oidhche Nollaig airson puirt ‘s strùpag a’ gabhail. Bha renditions den orain mar ‘O fair a-nall am botal’ agus ‘Tilleadh a Bharraigh’ a’ dol gu beul na h-oidhche. Dhùisg mi gu h-obann Madainn na Nollaig le fuaim a’ tighinn bhon t-seòmar-suidhe. ‘S e mo mhàthair a bh’ann a’ cur na prèasantan fon chraobh Nollaig… Chaidh mi air ais dhan leabaidh agus chaidil mi a-steach gu às dèidh meadhan-latha. Dhùisg mi dìreach air sgath ‘s gun robh fuaim uabhasach a’ tighinn bho aiteigin, an triop seo bho shuas an staidhre. Fraochail. Thòisich mi a’ dèanamh deiseil son an latha agus an uair sin, dh’fhosgail mi mo phrèasantan. ‘S e latha gu math sàmhach a bh’ann a chionn ‘s gun robh e dìreach mi-fhèin ‘s mo mhàthair ga chomharrachadh aig an taigh ach bha e laghach. Beagan na b’ fhaide san latha, bha barrachd charaidean againn a’ tadhal oirnn airson prèasantan a thoirt dhuinn. Nuair a dh’fhàg a h-uile duine, bha ’n t-àm ann airson dìnnear mu dheireadh thall! Chuir mi Na Dùrachdan air an rèidio agus shuidh sinn sìos airson biadh agus greiseag bheag. Ach cha b’ e greiseag a bh’ ann idir. Dh’ith mi faaaaada cus agus bha feum agam airson laigheadh sìos às a dhèidh! Ach ’s e latha uabhasach spòrsail a bh’ ann uile gu lèir! Slàinte mhòr na Hebrides gus an ath-bhliadhna!!

12435880_10208791388287730_769669859_n

Karen Oakley 

Dhùisg mi mu 8.30m, ‘s mi a’ cluinntinn mo pheathar (20) a’ bochdachdaich is a’ sgreuchail. Ach cha b’ e Bodach na Nollaig as coireach: bha a bana-charaid a’ mhadainn sin fhèin ann an gealladh-pòsaidh. Thàinig an naidheachd gun fhiosd air mo phiuthar agus cha mhòr nach cuala sinn mu dheidhinn sìon eile airson a’ chorr den latha. Siud an aois aig a bheil sinn ach saoilidh mi gu bheil gu leòr dhen leithid ri thighinn anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

Bha coignear againn aig an taigh airson na Nollaig am bliadhna: mo mhàthair, m’ athair, mi-fhìn is mo phiuthair agus Koko – cù beag, laghach a bha còmhla rinn fhad ’s a bha an teaghlach aige fhèin ann an Tenerife. Nach math gun robh e ann oir thug e deagh chothrom dhuinn a dhol air chuairt timcheall Creag Phàdraig ro dhìnnear mhòr na Nollaig.

12464960_10153240811336892_2079291244_o

A thuilleadh air an rèiteachadh agus a’ cù, cha robh mòran às an àbhaist mu Latha na Nollaig am bliadhna. ’S e m’ athair a ghabh os làimh na còcaireachd– a dh’ aindeoin ’s nach eil e sa chidsin 364 làithean sa bhliadhna – ‘s bha e a’ tàladh na circe mar gur i am pàiste aige fhèin.

12465577_10153240811436892_517741573_o

Gu traidiseanta, bidh sinn cuideachd a’ cluich board games às dèidh dìnnear. Is beag air mo mhàthair “organised fun” ach chan fhada gus an robh sinn uile air ar beò-ghlacadh le geama Scrabble, ged nach robh cead agam faclan Gàidhlig a chleachdadh (nàire!)

Cha b’ e ach 7f an uair a shìn sinn uile (an cù nar measg) air beulaibh an teine, sàraichte às dèidh latha gun mòran air a dhèanamh. Ged a bha sinn uile ris ar rud fhèin (bha mi fhèin trang ri leughadh) cha robh siud gu diofar. Seo aon de na h-amanan dhen bhliadhna a tha sinn uile le chèile, agus preasantan ann neo às, tha mi taingeil air a shon.

Lorna Young

Air latha na nollaige bha mi aig an taigh san Obain còmhla ri mo theaghlach bheag. Bha e uabhasach samhach, ach bha e snog. Dh’ ith sinn tòrr biadh, bha e cho blasta ach bha sinn uile cho làn! Rinn mo Mhathair an dinneir, tha i dìreach sgoinneil air còcaireachd! Cha robh sinn a’ dèanamh tòrr, ach thàinig m’ antaidh agus m’ uncail ’s na co-oghaichean agam mu sheachd airson deoch no dhà. Bha fealla-dhà againn! Chaidh mi a-mach air an oidhche gu Markie Dans còmhla ri mo charaidean agus bha e tòrr spòrs againn. Bha sinn a’ dannsa fad na h-oidhche!

10354093_1550179671969369_5944282357573232920_n

Jamie MacDonald

Thill mi gu Thiriodh airson na Nollaig comhla ri mo pheathraichean. Tha leanabh ur aig mo phiuthar mhòr agus mar sin, ‘s e Nollaig gu math fuaimeil a bh’ againn! Bha sìde fhiadhaich againn fad na h-uine agus leis a sin, bha trioblaid is strì aig Santa leis na deliveries dhan eilean, ach feumaidh gun do chleachd e Calmac oir rinn e an gnothach! Fhuair mi strings ùr airson na fidhle agam, cheers Santa!

12464025_1055854981125660_931541749_n

Bha mi fhin ‘s mo chòmhlan a’ cluich airson Dannsa na Bliadhn’ Ur aig An Talla airson na Bells. Bha gu leòr ann airson Dram agus Horo Gheallaidh! Slàinte, Jamie

12460048_1055852207792604_637056695_n

Mary NicLeòid

Tha e doirbh a thuigsinn gu bheil an Nollaig ullamh is gu bheil a’ Bhiadhn’ Ùr a’ teannadh oirnn. Thill mi dhachaigh dhan Eilean Sgitheanach son na Nollaig is fhuair mi co-fhurtachd am mionaid a fhuair mi tarsainn na drochaid. Chan eil facail ann a bheireas brìgh air na faireachdainn-cridhe a thig thairis ort nuair a bhios tu a’ tilleadh dhachaigh, gu h-àraid bhon a’ bhaile mhòr!

12494407_1042927155749097_677360919_o

 

Chuir mi seachad ùine cuide ri mo theaghlach ag itheadh, a’ cabadaich ’s ag argamaid air beulaibh na teine le m’ athair a‘ trod. Nach e sin a bhios teaghlaich a’ dèanamh? Chaidh mi a thadhal air nabaidhean is càirdean, cuid dhiubh tha nise fulang le droch shlàint’ is cuid eile a tha còmhnaidh mar a bha.

12516990_1042927032415776_1102455749_o

Chaidh an ùine seachad ann am priobadh na sùla is mus d’fhuair mi cothrom socrachadh bha agam ri dhol air ais air an rathaid. ’S mi bha tuirseach a’ smaoineachadh air an t-slighe fada air ais a Ghlaschu s’ thòisich mi a’ deiseileachadh nuair a chaidh am fòn. Fhreagair mi e is cò bh’ ann ach mo nabaidh. Fhuair mi ordugh gu robh agam ri stad aig an taigh air mo shlighe, gu robh rudeigin aca dhomh. Nuair a ràinig mi, dè bha feitheamh orm, ach poca làn bhuntàta, feòil is glasraich bhon chroit aca. “Cùmaidh sin a dol thu gus deireadh na Bliadhna Uir” dh’eigh ’ad aig beulaibh an dorais ’s a’ smèideadh. B’e siud am preasant a b’ fheàrr a fhuair mi, preasant làn choibhneas is tuigs. Chan fhaigh thu suid sa bhaile mhòr!

12510682_1042927165749096_1640370666_o

Seumas Charity

12528126_10207265236261060_325080227_n

Chaidh mi dhachaigh airson àm na Nollaig ann an Ulapul far am bi mo pharantan a’ fuireach. Bha mi air ais fad seachdain agus ag innse na firinn cha do rinn mi moran ach ithe agus ol. Thug mi leam mo bhaidhseagal le smuain gu robh mi dol a dhèanamh tòrr eacarsaich ach cha do dh’obraich sin a-mach gu mi fortanach ! Chunnaic mi mo charaidean sgoile nach faca mi airson  bliadhnaichean, mar sin bha i sgoinneil am faicinn cuideachd. ‘S e seachdain beagan dorainneach a bh’ann ach fhuair mi fois mhòr bho obair agus dh’ith mi biadh math.

12528173_10207265242381213_1230357168_n

Catriona NicIlleMhoire

Bha mi car iomagaineach am faighinn gu Uibhist am bliadhna idir le staid na sìde. Bha an t-aiseag againn air a chur dheth  feasgar Diciadain ach, gu fortanach fhuair sinn thairis madainn Diardaoin an 24mh. Leis a’ bhliadhna thrang a tha air a bhith agam tha mi air a bhith a’ cunntadh sìos na laithean chun na Nollaig agus àm dheth, bhon Lùnastal. Bha an teaghlach air fad ri chèile oir cha robh Christina, mo phiuthair a th’anns an ‘Merchant Navy’ , air falbh aig muir idir an turas seo WOOHOO.

12516067_10204035510848130_61455467_n

Tha mi a’ creidsinn gur e seo a chiad Nollaig agam mar ‘inbheach’ ceart. Cha do dh’èirich mi gu 10.30 agus ’s e mo phiuthair a dhuisg mi, a’ bocadaich sios is suas  agus i air bhoil mu dheidhinn na bha a’ feitheamh oirnn shìos na staidhre. Ga leantainn, ise a’ ruith, mi-fhèin cha mhòr a’ slaibhdeadh ’s mi fhathast nam chadal, rinn sinn ar slighe sios an staidhre. Abair sealladh a bha a’ feitheamh oirnn, a’ ciogadh tron doras aghaidh, bha sealladh àlainn leis a’ ghrian a’ deàrrsadh is am muir ciùin, latha eireachdail ann an Uibhist a Deas. Car ironic an aon latha nach robh CalMac a’ seòladh.

12510746_10204035513008184_1220999905_o

Dh’fhosgail sinn doras a chidsin far an robh an teaghlach air fad, Mum, Dad, Innes, Granaidh Uibhist agus Gen (Seanair) a’ feitheamh oirnn ri taobh teine mòr blàth. Bha mi an dòchas nach tug Bodach na Nollaig preasantan teoclaidd do duine sam bith oir bhiodh iad air an leaghadh, abair call!

12510190_10204035511288141_2049222984_o

Co-dhiù, bha na preasantan air am fosgladh le toileachas agus gràdh anns an adhar. Fhuair mi leabhar ‘ladybird’, fhios agad, na feadhainn a bh’agad mar phàist’, mu dheidhinn ‘Dating’. ‘S e sgeulachdan gòrach a bh’ ann ge-ta, bha mi an dùil gum faighinn tip neo dhà as…taing mam agus dad. Bha an dìnnear againn dìreach mìorbhaileach agus tha mi a’ creidsinn, mar a h-uile taigh, gu h-àraidh anns na h-Eileanan, fhuair sinn na ‘works’! Bha sinn uile gus burstadh. An deidh biadh mòr na Nollaig chluich sinn geama neo dhà agus ghabh sinn drama neo trì, neo ceithir…Deagh chrac, deagh Nollaig!

12509942_10204035511008134_855065483_o

Leasanan bho na h-Èireannaich (a rèir Èireannach)

Bhon eòlas agam fhìn ann an Gàidhlig na h-Alba, tha e foilleasach dhomh gu bheil ceangail làidir ann eadar Gàidhlig agus Gàidhlig na h-Èirinn. ‘S e cànain Ceilteach a th’ anns an dà aca, agus tha na structaran agus fuaimean gu math coltach. Ach, ged a tha tè dhiubh (Gaelige) air a h-aithneachadh mar chànan oifigeil an EU, chan eil an tè eile, ged a tha coimhnearsnachd na Gàidhlig beòthail, cho làidir agus sùrdail ri coimhearsnachd na Gaelige. Tha seo a’ cur iongnadh orm, agus air sgàth sin, tha mi a’ dol a ghabhail a’ chothroim seo, mar Èireannach misneachail (aka bragail), agus a dh’fheuchainn airson beachd no dhà a thoirt dha na caraidean Albannach agam airson ‘s gum biodh an cànan aca air a bhrosnachadh nas fheàrr!

1. Gaelige agus an siostam fhoghlaim

Bha Gaelige an-còmhnaidh aig cridhe an siostam foghlaim, agus fhathast ‘s e cuspair riatanach aig ìre bun-sgoil is àrd-sgoil a th’ ann. ‘S e buannachd a tha seo gun teagamh, air sgàth ‘s gu bheil e a’ ciallachadh gu bheil co-dhiù beagan Gaelige aig a h-uile duine a thèid dhan sgoil. Chan eil an aon inbhe aig Gàidhlig, agus air sgàth sin, chan eil facal aig a’ mhòr chuid den dùthaich. Bha riaghaltas na h-Èirinn den bheachd gur ann tro sgoiltean an dòigh as fheàrr airson Gaelige a bhrosnachadh, ach tha mise den bheachd gu bheil beàrnan anns a’ phlana seo. Chanadh cuid gun robh iad a’ creidsinn gum biodh na sgoiltean a’ sgaoileadh a’ chanain leotha fhèin, gun taic sam bith, ach ma tha sibh airson beatha ùr a chur ann an cànan tha sibh feumach air gluasadan bhon taobh a-mach na sgoile. Nam biodh Gàidhlig riatanach ann an sgoiltean na h-Alba, tha feum aig a’ choimhearsnachd fhèin a bhith easgaidh, neo cha bhi an cànan làidir ann an diofar àiteachan a bharrachd air an seomar-teagaisg.

tvhiy

2. Iomairtean Gu Saor-Thoileach

Aon dòigh mhath airson gnìomhachdan a bhrosnachadh a-mach às an seomar-teagaisg ‘s e a bhith an sàs ann am buidhnean gu saor-thoileach. Ann an Èirinn, tha an t-uabhas de dhaoine ag obair gu saor-thoileach ann an rèidio Gaelige agus naidheachdas. Ann an 1989, chaidh Raidió na Life a stèidheachadh ann an Baile Ath-Cliath, agus tha e  air  ceumannan mòra a dhèanamh bhon àm sin. Chan e a-mhàin sin, ach a-nis tha stèisean-rèidio Hit againn, Raidió Rírá, a tha a’ craoladh a’ chiùil as ùire tro mheadhan na Gaelige. Anns an fharsaingeachd, tha Gaelige gu math cool ann an Èirinn! An-dràsta, tha Comedy Stand-Up tro mheadhan na Gaelige air tighinn dhan tùis-gnothaich, agus bhiodh sin rud air am biodh na h-Albannaich comasach – tha sibh cha mhòr cho èibhinn sa tha sinne!

Tha iomairtean air an stèidheachadh le daoine òga airson làrach-lìn na meadhanan sòisealta eadar-theangachadh gu Gaelige, agus a-nis ‘s urrainn dhut Facebook, Twitter, agus Google fhaighinn ann an Gaelige. Air sgàth ‘s obair mar seo, tha Gaelige na roghainn-chanain airson innealachdan Samsung. A’ bruidhinn air spòrs, chaidh buidhean GAA air a bheil Na Gaeil Óga (camanachd Èireannach agus ball-coise) air a chur air dòigh beagan bhliadhnaichean air ais, agus tha an ballrachd aca a’ trèanadh agus a’ cluich tro mheadhan na Gaelige. Tha rudeigin aig gach duine a thoirt dhan chànan, agus tha e cudromach a bhith a’ mothachail nach eil feum agad air maoineachadh fhaighinn bhon riaghaltas airson iomairt a chur air dòigh. Na bi an urra ris an riaghaltas, rach a-mach còmhla ri caraidean agus cruthaich rudeigin dhuibh fhèin.

tvi25

3. Obair an Riaghltais

Aig deireadh na 70an, thòisich iomairt na Gaelige, Conradh na Gaeilge gu h-àraid, iomairt airson còraichean canain. Chaidh Achd a’ Chanain a chur air bhog, airson na h-aon chòraichean a thoirt do dhaoine aig an robh Gaelige ’s bha aig daoine aig an robh Beurla. A-nis, tha cothrom againn a’ dèanamh gach gnothach a th’ againn leis an riaghaltas tro mheadhan na Gaelige. Ann an 2010, chur an riaghaltas am ‘plan fad fichead bliadhna) air bhog, a bhios a’ dol eadar 2010 agus 2030. ‘S e amas a’ phlana a bhith a’ cur barrachd stuthan taic anns an Gaeltacht, agus a bhith a’ toirt misneachd do theaghlaichean a bhith beò tro mheadhan na Gaelige. B’ e deagh-bheachd a bh’ anns a’ phlana, ach mar a thuirt mi roimhe, tha barrachd obair na lùib airson a dhèanamh gu soirbheachail. Ged nach bu chòir dhuibh a’ toirt earbsa anns riaghaltas a-mhàin, tha e cudromach gu bheil iad a’ tuigsinn carson a tha e cudromach a bhith a’ dìon chanain. Tha e a rèir na coimhearsnachd fhèin a bhith a’ dol an astar nas fhaide.

12039532_1167935959888319_200631209091401257_n

4. Bithibh Ana-Bhiorach

Airson ur cànan a bhrosnachadh, feumaidh sibh a bhith ana-bhiorach air a shon. Na leig seachad an iomairt gus a tha sibh air buidhinn?? na bha sibh ag iarraidh. Ann an 2014, chaidh ‘La Mor na Gaeilge’ a chumail ann an Baile Ath-Chliath, agus thàinig barrachd na 10,000 duine airson fianais a thogail taobh a-muigh togalaichean riaghaltais, a’ strì airson còraichean chànain. A bharrachd air sin, ‘s e craic gu leòr a th’ ann a bhith a’ marsadh le do charaichean, a’ mallachd nan ùghdarrasan poblach ann an Gaelige!

tvihe

5. Iomairtean nan Oilthighean

Tha mi cinnteach gu bheil e co-ionnan ann an Alba, ach ann an Èirinn, tha na h-Oilthighean fìor riatanach airson Gaelige a bhrosnachadh. Tha UCD Comann na Gaelige, anns a bheil mise nam bhall, am-measg nam buidhnean as motha air a’ champus, le barrachd na 2,000 ball. Tha e fìor chudromach gu bheil àire a’ chanain àrd agus gnìomhail, airson ‘s gum biodh i air a gabhail ris mar cànan beòthail, ùr-nòsach. ‘S urrainn do dh’oileanaich am pàirt seo a thoirt dhan iomairt. Bu chòir am beachd againn a bhith: ‘Rud sam bith is urrainn dhuinn dhèanamh anns a’ Bheurla, ‘s urrainn dhuinn a dhèanamh nas fheàrr ann an Gaelige.’

Am bliadhna sa, mar eisimpleir, tha UCD a’ gabhail pàirt ann an Gaelbreak, (mar ‘Jailbreak’, ach ann an Èirinn). ‘S e dòigh sgoinneil a th’ ann airson àire a’ chanain àrdachadh, air sgàth ‘s gu bheil feum agaibh a’ siubhail bho Bhaile Ath-Cliath chun a’ Ghaeltacht gun airgead no Beurla! Smaoinich air an turas bho Ghlaschu dhan Eilean Sgitheanach a dhèanamh mar sin! Aon phuing sònraichte eile mu dheidhinn nan oilthighean… tha leine-T gu tùr feumail, ach tha ar caraidean aig Taigh na Gàidhlig air sin a dhèanamh mar tha!

10413357_851447178213680_8594377467632385656_n

12032072_1167936489888266_6225947232049779664_n

6. Misneachd Cànain

‘S e fear de na duilgheadasan as duilighe airson na h-Èireannaich a bhith a’ toirt misneachd do feadhainn aig nach eil misneachd. Tha tòrr dhaoine ann an Èirinn a tha a’ fuireach ann an àiteigin gun an t-uabhas de luchd-labhairt na Gaelige, rud a tha ri fhaicinn ann an Alba cuideachd, tha mi cinnteach. Ach ciamar a tha sinn a’ toirt cothroman do dhaoine mar seo an cuid Gaelige aca a chleachdadh? Tha e cumanta do dhaoine, a tha ag ionnsachadh Gaelige no aig a bheil ùidh innte, a bhith a’ faireachdainn mar nach eil a’ coimhearsnachd Gaelige gan iarraidh, oir tha iad a’ smaoineachadh nach eil àite ann airson daoine aig nach eil Gaelige gu leòr. Tha seo a’ toirt droch bhuaidh air an togradh aca a bhith ga h-ionnsachadh, agus a’ toirt orra an cànan a’ leigeil seachad. Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil e riantanach dhuinn uile, an dà-chuid coimhearsnachad na Gàidhlig agus na Gaelige, a bhith cinnteach nach eil uaibhreas chananachas a’ gabhail grèim air ar cànan, ach gu bheil i fosgailte dhan a h-uile duine. Cha urrainn dhuinn a bhith a’ call daoine aig a bheil gaol air ar cànan ach nach eil comas bruidhinn fhathast. Feumaidh sinn misneachd a thoirt dhaibh!

12043223_1167932669888648_3735284162823324130_n

Ceachtanna gur féidir a fhoghlaim ó na hÉireannaigh

(Dar le hÉireannach amháin!)

Ón taithí ata agamsa ar Ghàidhlig na hAlban, is léir go bhfuil gaol láidir le brath idir í féin agus an Ghaeilge atá againne in Éirinn. Teangacha Ceilteacha is ea an dá cheann, a bhfuil a struchtúir agus a gcuid foghraíochta an-chosúil. Ach tugtar aitheantas oifigiúil an Aontais Eorpaigh do cheann amháin acu, an Ghaeilge, rud nach bhfuil ag an Ghàidhlig, in ainneoin go bhfuil comhphobal na teanga sin chomh paiseanta agus chomh gníomhach céanna is atá lucht na Gaeilge. Cuireann sé ionadh ormsa, agus glacfaidh mise an deis seo, mar Éireannach teanntásach, comhairle a chur ar lucht na Gàidhlig, chun go gcuirfí a dteanga chun cinn ar bhealach níos éifeachtaí!

  1. An Ghaeilge agus an córas oideachais

Bhí an Ghaeilge i gcónaí mar chuid lárnach de chóras oideachais na hÉireann, agus í mar ábhar éigeantach ag leibhéal bunscoile agus meánscoile. Is cinnte gur buntáiste é seo mar go bhfuil blúire éigin don teanga ag gach éinne. Os rud é nach bhfuil an teanga ach mar ábhar roghnach in Albain, is cinnte nach mbeadh oiread is focal ag an gcuid is mó den bpobal. Chreid rialtas na hÉireann gurb í an tslí ab fhearr leis an teanga a chur chun cinn ná tríd na scoileanna, ach tá laigí ag baint leis an bplean seo dar liomsa. D’fhéadfaí a rá gur cheap an rialtas go ndéanfadh an córas oideachais an teanga a chur chun cinn leis féin, gan aon chabhair ón taobh amuigh, ach chun go spreagfaí an teanga bíonn gluaiseachtaí seachtracha ag teastáil freisin. Má dhéantar ábhar éigeantach den Ghàidhlig in Albain, ní mór don phobal a chinntiú go mbíonn siad gníomhach ar an taobh amuigh ionas nach sa seomra ranga amháin a labhraítear an teanga.

tvhiy

2. An Ghluaiseacht Dheonach

Mar a luaigh mé thuas, caithfear a bheith gníomhach taobh amuigh den seomra ranga freisin. In Éirinn, tá an t-uafás daoine ag obair go deonach ar son na teanga. Bunaíodh Stáisiún Raidió deonach i mBaile Átha Cliath sa bhliain 1989 darb ainm Raidió na Life, agus tá sé tar éis dul ó neart go neart ó shin. Ní hamháin sin, ach tá stáisiúin ceoil bunaithe anois darb ainm Raidió Rírá, a chuireann na ‘hits’ is déanaí amach trí mheán na Gaeilge. Ar an iomlán, tá an Ghaeilge éirithe ‘cool’ in Éirinn! Tá an fhuirseoireacht trí Ghaeilge tagtha chun cinn go mór le déanaí, agus is cinnte go bhféadfadh na hAlbannaigh dul in iomaíocht linne ó thaobh cúrsaí grinn de! Tá sibhse beagnach chomh greannmhar linne! Tá feachtais curtha i gcrích ag daoine óga leis na meáin shóisialta a aistriú go Gaeilge, agus anois tá teacht ar leaganacha Gaeilge de Facebook, Twitter agus Google. Maidir le cúrsaí spóirt, tá club iomána agus peile bunaithe, Na Gaeil Óga, a théann chun páirce trí Ghaeilge. An príomhrud, a déarfainnse, ná a bheith gníomhach go deonach agus gan a bheith ag brath go hiomlán ar an Stát. Éiríonn le daoine aonaracha an-chuid a bhaint amach ach a bheith spreagtha chuige.

tvi25

3. Obair an Rialtais

I ndeireadh na 70idí, chuir gluaiseacht na Gaeilge, go háirithe Conradh na Gaeilge, tús le feachtas ag lorg cearta teanga don Ghaeilge. Tugadh an tAcht Teanga isteach, a chinntigh go raibh cearta na gcainteoirí Gaeilge ar chomhchéim leis na cainteoirí Béarla. Anois, is féidir do chuid gnó ar fad a dhéanamh leis an Stát trí Ghaeilge. In 2010, bheartaigh an rialtas Plean 20 Bliain na Gaeilge a bhunú, a mhairfeadh ó 2010-2030. An aidhm a bhí ag an bplean ná tacaíocht a chur ar fáil don Ghaeltacht, chomh maith le líon na dteaghlach a labhair an Ghaeilge ar bhonn laethúil a mhéadú. Plean idéalach is ea é, ach chun go n-oibreodh sé tá obair bhreise ag teastáil. In aineoinn nach féidir brath orthu siúd amháin, tá sé ríthábhachtach go dtuigfeadh an rialtas a bhfuil le déanamh ar son na teanga. Nuair a bhíonn na pleananna socraithe, tugann an pobal céim ar aghaidh arís é.

12039532_1167935959888319_200631209091401257_n

4. Bí Fíochmhar!

Chun go gcuirfí do theanga chun cinn, caithfear a bheith fíochmhar ar son na cúise, gan éirí as go dtí go bhfuil an méid a bhí uait faighte! Léirigh ‘Lá Mór na Gaeilge’ i mBaile Átha Cliath in 2014 go bhfuil beocht i measc an aosa óig. Tháinig breis is 10,000 duine amach ag léirsiú ar shráideanna na príomhchathrach ar son ceart teanga. Molaim do lucht na Gàidhlig an rud céanna a dhéanamh. Bíonn an-chraic ann agus sibh ag screadaíl ar na polaiteoirí as Gaeilge! Ná géill dóibh, bí fíochmhar ar son na teanga!

tvihe

5. An Ghluaiseacht sna hOllscoileanna

Táim cinnte go bhfuil sé mar an gcéanna in Albain, ach tá ról lárnach ag na hollscoileanna i gcur chun cinn na teanga in Éirinn. Tá an Cumann Gaelach in UCD, áit a bhfuil mise ar an ollscoil, mar cheann de na cumainn is mó san  ollscoil, le breis is 2,000 ball. Tá sé tábhachtach go mbeadh íomhá fhuinniúil ag an teanga chomh maith, chun go nglacfaí léi mar theanga nua-aimseartha. Is iad na mic léinn a thugann an íomhá seo don Ghaeilge, leis na himeachtaí éagsúla a eagraítear. An dearcadh a chaithfidh a bheith agaibh ná ‘aon rud a dhéantar as Béarla, is féidir é a dhéanamh trí Ghaeilge’. I mbliana, beimid ag glacadh páirte i gcomórtas Gaelbreak (Jailbreak trí Ghaeilge), mar shampla. D’fhéadfaí a leithéid a dhéanamh in Albain chomh maith, táim cinnte: Turas ó Ghlaschú go dtí an tOileán Sgitheanach, gan airgead agus gan Béarla! Pointe tábhachtach freisin, is fiú go mór na t-léinte, meallann siad na sluaite!

10413357_851447178213680_8594377467632385656_n

12032072_1167936489888266_6225947232049779664_n

6. Fáilte theangeolaíoch

Tá dúshláin mhóra roimh an nGaeilge mar sin féin. Is iomaí duine a bhfuil Gaeilge acu i gceantar ar leith nach bhfuil an Ghaeilge go láidir ann, agus táim cinnte go bhfuil a leithéid le feiceáil in Albain. Ach conas a chuirtear deiseanna ar fáil do dhaoine a dteanga dhúchais a labhairt? Do dhaoine áirithe atá ag foghlaim nó a bhfuil spéis ar leith acu sa teanga, ach nach bhfuil an deis acu í a labhairt, is minic a bhraitheann siad imeallaithe ó phobal na Gaeilge. Conas a bhfáiltítear roimh na daoine seo, ionas go bhfeicfidh siad gur le gach éinne an teanga, seachas leo siúd atá líofa amháin? Más féidir moladh a thabhairt do mhuintir na Gàidhlig, déarfainn leo a chinntiú nach dtagann aon rian den mhóiréis theangeolaíoch isteach, mar cailltear daoine lácha dá bharr, daoine a bhfuil paisean acu don teanga ach a bhfuil muinín bhreise uathu le hí a labhairt. Bígí fáilteach do gach éinne!

12043223_1167932669888648_3735284162823324130_n

Lessons to be learned from the Irish

(According to an Irishman)

From my own experience of Gaidhlig, it’s clear to me that a strong relationship exists between it and our own Irish language in Ireland. Both are Celtic languages, with distinctly similar structures and pronunciation. However, while one (Irish) is recognised as an official language of the European Union, the other is not, despite the vibrancy of the Gaidhlig community, which is as passionate and as active as its Irish counterparts. This surprises me, therefore I’m going to take this opportunity, as a confident (aka cocky) Irishman, and attempt to give my Scottish friends a few tips so that their language can be promoted more effectively!

  1. Irish and the education system

The Irish language was always central to the education system, and is still a compulsory subject at primary and secondary level. This is most definitely an advantage, as it means that everyone who attends school will speak a reasonable amount of the language. As Gaidhlig does not have the same status, it could be the case that most of the population doesn’t speak a word. The Irish government believed that the most effective way to promote the language was through the schools, but I strongly believe that there are flaws in this plan. One could say that it was thought that the schools would spread the language by themselves, without any help from the outside, but in order to put life in a language you need external movements as well. If Gaidhlig is made compulsory in Scottish schools, the community must ensure that they are active on the outside, so that the language conquers other areas as opposed to being confined to the classroom.

tvhiy

2. The Voluntary Movement

One sure way to promote activity outside the classroom is to get involved in different campaigns as a volunteer. In Ireland, there are a huge amount of people working voluntarily in Irish language Radio and journalism. In 1989, a voluntary Irish radio station Raidió na Life, was founded in Dublin, and is making great strides ever since. Not only that, but we know have our own Hit music station, Raidió Rírá, which broadcasts the latest music through Irish. On the whole, Irish has become seriously cool in Ireland! Lately, Comedy Stand-Up through Irish has burst on the scene, and that’s something the Scots could pull off, seeing as you’re almost as funny as us! Campaigns have been set up by young people to translate social media sites to Irish, and now Facebook, Twitter and Google all exist in Irish. Because of work such as this Samsung devices now possess Irish as a language option. Speaking of sport, a GAA club called Na Gaeil Óga (Hurling and Football) was set up a number of years ago, and its members train and play all through Irish. In short, any one person has something to offer to the language, and it’s important to realise that you don’t need the state to fund a certain campaign. Don’t depend on the government, go out with a group of friends and build something for yourselves.

tvi25

3. The Work of the Government

Towards the end of the 70s, the Irish language movement, Conradh na Gaeilge in particular, began a campaign looking for language rights. The Language Act was then introduced, which gave Irish speakers the same right as English speakers. Now, we have the right to carry out all business with the State through Irish. In 2010, the government put its ’20 year plan’ in place, which spans out from 2010 to 2030. The purpose of the plan was to put more supportive resources in place for Gaeltacht areas, as well as to encourage more families to live their daily lives through Irish. The plan has good intentions, but as I said before, more in-depth work is needed to successfully carry it out. Although you shouldn’t depend on the government alone, it’s important that they understand the importance of language preservation, as they are the ones that lay the long-term plans in place. It is up to the community to take those plans one step further.

12039532_1167935959888319_200631209091401257_n

4. Be Fierce! 

In order to promote your language, you must be ferocious for the cause. Never give up until you have achieved what you set out for. In 2014, ‘Lá Mór na Gaeilge’ was held in Dublin, and over 10,000 people showed up to demonstrate outside government buildings, looking for language rights. Any form of public demonstration goes a long way. Not only that, but it’s great craic marching around with your mates cursing those in charge through Irish!

tvihe

5. The Movement in the Universities

I’m sure it’s the same in Scotland, but the Universities play a hugely important role in the promotion of the language in Ireland. The UCD Irish Language Society, of which I am a member, is one of the biggest on campus, with over 2,000 members. It’s very important that the language gains an energetic image, so that it is accepted as a vibrant, modern language. The students bring this element to the campaign. ‘Anything that can be done in English, can be done better through Irish’ is the attitude one must have. This year, for example, UCD are taking part in Gaelbreak, the Irish equivalent of ‘Jailbreak’. It’s a great way to spread awareness of the language, as you have to travel from Dublin to the Gaeltacht without money or English! Imagine the trip from Glasgow to the Isle of Skye! One more crucial point regarding the Universities… T-shirts are absolutely essential, but our friends at Taigh na Gaidhlig have that element cracked already!

10413357_851447178213680_8594377467632385656_n

12032072_1167936489888266_6225947232049779664_n

6. Linguistic Welcome

One of the greatest challenges facing Irish is how to welcome those who struggle with confidence. There are many people in Ireland who live in an area without a strong Irish speaking population, something which I’m sure can be seen in Scotland as well. But how do we provide these people with an opportunity to use the language? It is common for people who are learning Irish or who have an intrest in the language to feel excluded from the community, as they believe that there is room only for those who are fully fluent. This may often deter people causing them to lose heart, and give up the language. I believe that it is vital for all of us, both the Gaidhlig community and our own, to ensure that a sense of linguistic snobbery never creeps into our language, but that it remains open to everyone. We can’t risk losing those who feel a love for their language despite their inability to speak it yet. They must be encouraged!

12043223_1167932669888648_3735284162823324130_n

Carson nach coinnich sibh ri seisean an Lòchran?

Air an Diciadain mu dheireadh dhen mhìos bi luchd-ciùil na Gàidhlig a’ tighinn còmhla airson ceòl tradiseanta a chluich aig taigh seinnse ‘Lismore’ ann am Partaig. An t-seachdain seo chaidh Taigh na Gàidhlig sios airson pàirt a ghabhail ann agus cèistean fhaighneachd dhan luchd ciùil eile a bha ann agus seo na fhuair sinn a-mach…

Eilidh Cormack

Dè as fheàrr leat? Sambuca, Tequila neo Sourz? 

Tequila

A bheil tàlant sònraichte agad?

‘S urrainn dhòmh an alphabet a ghabhail air ais bho z

Nam b’ e cleas-teine a bh’ annad, dè an fuaim a bhiodh agad nuair a bhiodh tu dol dheth?

Plupadaich….. PLOP

plupadaich

Katie NicDhòmhnaill?

Ann an saoghal cheòl thradiseanta, cò tha teth nad bheachd-sa?

Ian Smith, am faca tu na ‘scars’ aige? Tha bad boys pìosail

PEW

A bheil tàlant sònraichte agad?

‘S urrainn dhòmh ‘slut drop’ a dhèanamh ri òran sam bith, fìu ‘s bhalsa slaodach!

Kenny Rankin

Dè tha thu ‘g òl a-nochd Kenny?

Hop House Lager – dìreach anabarrach blasta!

Dè am beathach spioradail th’ agad?

Damhan-Allaidh

spiderkenny

Dè am puirt neo òran Ghàidhlig a tha gad mhìneachadh fhèin?

Measgachadh de kumbaya agus Fìloro!

Nan canadh mi riut ‘dusgaidh thu sa mhadainn agus bi thu mìorbhailleach air ionnstramaid sam bith a thogras tu, nach eil thu a cluich mar tha’ dè bhiodh ann?

Jews Harp

Lee MacKintosh

Dè an òran pop as fheàrr leat?

Katy Perry le ‘I Kissed a Girl’

Dè an taigh-seinnse as fheàrr leat ann an Glaschu?

An Snaffle!

snafflesick

Dè an fhacal Gàidhlig as fheàrr leat?

Grod

Calum McConnell

A bheil ‘pick up lines’ sam bith agad? Dè am fear as fheàrr leat?

Cia mheud litir a tha san alphabet Beurla?

26

Bha mise smaoineachadh gun robh 21 ann, oh… duilich, dhiochuimhnich mi

U R A Q T

A bheil tàlant sònraichte agad?

Tha mi nam chontortionist!

calummcc

Dè an òran pop as fheàrr leat?

Na Saturdays le Ego

Cò a tha na ghaisgeach Gàidhlig nad bheachd-sa?

John Robertson

Darren MacLean

Nam b ‘e cleas teine a bh’  annad, dè an t-ainm a bhiodh ort?

Rocaid

Dè an òran a bhiodh iad a cluich fhad ‘s a bhiodh tu a dol dheth?

Firework le Katy Perry

Dè am facal Gàidhlig as fheàrr leat?

Oifis a’ Phuist

darren

Cò a tha na ghaisgeach Gàidhlig nad bheachd-sa?

Artair MacCaramaig

Sambuca, Tequila neo Sourz?

Sambuca

Dè an taigh-seinnse as fheàrr leat ann an Glaschu?

Taigh-seinnse na Pàirc!

John Robertson 

Dè am facal Gàidhlig as fheàrr leat?

Sgoinneil

Dè an òran pop as fheàrr leat?

Oran Mgr Blobby

JohnBlobby

Dè an àite as fheàrr leat san t-saoghal?

Mallaig

Dè an t-òran a bhiodh iad a cluich fhad ‘s a bhiodh tu a dol dheth? Mas e ‘s gur e cleas-teine a bh’ annad?

Suas gu Beinn Eadarra

Abi Lightbody

Dè am facal Gàidhlig as fheàrr leat?

Neònach

Cò a tha na ghaisgeach Gàidhlig nad bheachd-sa?

Darren MacLean

ABIDarren

Sambuca, Tequila neo Sourz?

Sambuca

Mìcheal Steele

Dè am puirt neo òran Gàidhlig a tha gad mhìneachadh fhèin?

An òran naisteanta aig Tioriodh – Am Falbh Thu Leam a Rìbhinn òg

Cò a tha na ghaisgeach Gàidhlig nad bheachd-sa?

Calum Ross

Dè am beathach spioradail agad?

Famous Grouse

FGrouse

Jamie MacDhòmhnall

Dè an òran a bhiodh iad a cluich fhad ‘s a bhiodh tu a dol dheth? Mas e ‘s gur e cleas-teine a bh’ annad?

An Eala Bhàn (le Mànran)

JAMIE

Dè an beathach spioradail agad?

Panda dearg are sgàth ‘s gu bheil iad dearg agus ‘s e Pandas a th’ annta

Dè am puirt neo òran Gàidhlig a tha gad mhìneachadh fhèin?

Amadan gòrach gòrach…

Nan canadh mi riut ‘dusgaidh thu sa mhadainn agus bi thu mìorbhaileach air ionnstramaid sam bith a thogras tu, nach eil thu a cluich mur tha’ dè bhiodh ann?

Tambourine

Christian Gamauf

Dè a b’ fheàrr leat? Làmhan mar chasan neo casan mar làmhan?

Làmhan mar casan! Iomadh cothrom a thaobh a bhith cluich na pìob!!

HandsasFeet

Cò a tha na ghaisgeach Gàidhlig nad bheachd-sa?

Paul McCallum

Mas e ‘s gur e cleas-teine a bh’ annad dè an dath a bhiodh annad?

A h-uile dath dhen a bhogha-frois!

Hamish MacLeoid

Dè am beathach spioradail agad?

Speach

A bheil ‘pick up lines’ sam bith agad? Dè am fear as fheàrr leat? A bheil iad air obrachadh dhut?

‘S mise Jamie MacDonald à Tioriodh….chan eil e air obrachadh fhàthast….

Anns an saoghal ceòl thradiseanta, cò nad bheachd-sa a tha teth?

Cathy Bhan

gaol at gael

10 rudan a tha cur eagal a bheatha air na Gàidheal ann an Glaschu

  1. Nuair a tha a h-uile duine ann an O’Neills ach tha am bouncer ag ràdh gu bheil thu air cus òl a-nochd

tgcvp

2. Neo nas miosa buileach, tha thu air do thiligeil a-mach leis gu bheil thu air tuiteam (nad chadal anns na taighean beaga neo air an urlar)

tgdcw

3.  Nuair nach eil thu an uair sin a’ faighinn a-steach dhan casino a bharrachd….

tgdo8

4. Nuair nach eil na caraidean agad dèidheil air ceol tradiseanta agus tha feum agad dol gu taigh seinnse diofraichte.

tgdv1

5. Nuair nach urrainn dhut copy fhaighinn den Free Press, an Oban Times neo an Stornaway Gazette…

tgdyi

6.  Nuair a tha thu a feuchainn ri coimhead air prògram Gàidhlig ach tha na sùilean agad an-còmhnaidh a’ leum chun nan fo-thiotalan Beurla

tge1q

7.  Nuair a tha do charaidean bhon oilthigh air an tir mhòr a’ smaointinn gu bheil ruideigin fada ceàrr ort leis gur e Màiri agus Dòmhnall na h-ainmean aig a’ mhòr chuid den teaghlach agad…

tgea1

8. Nuair a tha a h-uile duine air a bheil thu eòlach a’ cluinntinn mu dheidhinn a’ mhì-mhodh a tha sibh air a bhith ris leis gu bheil coimhearsnachd nan Gaidheal cho beag

tgeds

9. Ag ràdh ‘tapadh leibh’ is ‘duilich’ ri srainnsearan aig nach eil Gàidhlig is iad a’ coimhead ort mar gu bheil thu craicte

tgegb

10. Nuair a tha thu dol mar an gaisgeach as fheàrr leat airson Oidhche Shamhna ach chan eil duine sam bith sa chlub gad aithneachadh…

tge76-2

Gearanan Gràmar air innse le luchd-teagaisg na Gàidhlig fhèin…

“Nuair nach eil duine ag aithneachadh an diofar eadar gnè le fear is tè – cuimhn’ am sgoilear ag ràdh gun robh a piuthar trom le leanabh – dh’fhaighnich sgoilear eile sa chlas “Dè fear?” Uill, mo chreach, abair masladh!” 

pregnantmanmeme

“B’ eòlach do sheanair air ‘do seanair’! Dè idir a tha cho doirbh mu dheidhinn na thachras ri ainmear às dèidh ‘mo’ agus ‘do’? Ainmear a’ tòiseachadh le F? Ainmear a’ tòiseachadh le fuaimreag? Ainmear a’ tòiseachadh le L, N, R, SG, SM, ST no SP? Ainmear a’ tòiseachadh leis a h-uile litir eile? Tha fios agaibh uile air na riaghailtean. Carson a-rèist nach cleachd sibh iad?!”

“Chaidh iarraidh orm rudeigin aotram èibhinn a sgriobhadh air mearachdan gràmair. Aotram! Èibhinn! Air cuspair cho trom-chuiseach tarbhach ri gramair. Grrrrr!

Air fear de na rudan a bhios a’ cur orm – is cluinnear tric is minig air na naidheachdan e – ‘s e “Chaidh na mèirlich an cur an greim”. Ceàrr, ceàrr is ceàrr a-rithist! Dè tha ceart mathà? “Chaidh na mèirlich a chur an greim. Rugadh orra madainn an-diugh is chaidh an cur an greim sa bhad.” Mar sin ma tha an t-ainmear fhèin ann, cha bhi sibh a’ cur ‘an’ ann. “Thèid taigh ùr a thogail air an làraich sin is thèid a thogail nuair a gheibh iad cead dealbhachaidh.” Gu h-eachdraidheil, chan e an aon ‘a’ a tha annta seo. ‘S e ‘do’ a bha sa chiad fhear1, mar ‘a’ dol do Ghlaschu’ a tha e fhèin air atharrachadh gu ‘a’ dol a Ghlaschu’. ‘S e ‘a’ leis an aon chiall ri ‘aige’ a tha san dàrna fear2, mar ‘a chas’.

“Chaidh Clann MhicLeòid a1 thogail ann an Inbhir Nis. Calum? Chaidh a2 thogail an sin. Ciorstaidh? Chaidh a2 togail an sin cuideachd. Aonghas agus Robaidh? Chaidh an2 togail an sin cuideachd. Chaidh an teaghlach air fad a1 thogail an sin.”

Agus duine sam bith a bhriseas an riaghailt seo? Bu chòir gun tèid na daoine sin a1chrochadh air amhaich gus an caill iad an deò is an uair sin an2 nàrachadh air feadh ceithir ranna ruadha an t-saoghail.

Sin nas fheàrr! A-nis dè an rud eile a bha siud a bha agam ri dhèanamh? Aaa, seadh! A h-aon, a dhà, a-trì …..”

“Gabh spòrs Feumaidh mi aideachadh gum bi mi a’ fas gu math crosta nuair a chluinneas mi cuideigin ag ràdh gabh spòrs. In fact, tha mi gu math crosta o chionn’s gu bheil mi air na dearbh fhaclan sin a thaipeadh an-dràsta fhèin. Fada ro thric thathar a’ smaointinn o chionn’s gu bheil e ag obrachadh sa Bheurla, gun obraich e sa Ghàidhlig. Uill, chan eil. Bidh sinn a’ gabhail tòrr rudan, an caothach, drama no dhà oidhche Shathairne, cupa tì mus fhalbh sinn dhan leabaidh, fras as dèidh a bhith sa gym. Ach cha bhi sinn a’ gabhail spòrs. Tha e cho sìmplidh sin.”

GabhSpors

“Aig mise, le thusa – na ro-ainmearan roimhearach a’ briseadh sìos – tha sin ga mo chur droil”

An àm a’ choinnich TnaG ri Ruairidh Graham à Niteworks…

Niteworks

Innis dhuinn mu dheidhinn an clàr ùr agaibh agus ciamar a thàinig e gu buil

Tha na ceathrar againn air a bhith ag obair air a’ chlàr seo ann an criomagan an siud ‘s an seo thar na trì no ceithir bliadhna a dh’fhalbh. Thèid an t-uabhas air an sgrìobhadh mu dheidhinn amasan sònraichte a th’ aige artists is lèirsinn nan clàran aca, ach cha chreid mi gun robh sinne a’ smaoineachadh san dòigh sin. Bha miann againn gus clàr a chur air dòigh, is ‘s e cruinneachadh de cheòl a tha sinn air a bhith a’ sgrìobhadh airson greis a-nis. Tha e iognantach mar a bhios an ceòl a’ caochladh fhad ‘s thèid sinn air adhart leis co-dhiù is uaireanan tha e gu math diofraichte bhon rud a thòisich thu leis.

Tha sibh air a bhith còmhla airson dhà neo trì bliadhna a-nis. Ciamar a thàinig sibh ri chèile mar chòmhlan an toiseach agus ciamar an d’ fhuair sibh an t-ainm agaibh?

Tha sinn air a bhith còmhla fon ainm Niteworks bho 2008!! Bha na ceathrar againn an sàs ann an diofar chòmhlain on a bha sinn sa sgoil, is aig an àm ud b’ e ceòl rock a bha sinn a’ cluich. Dh’fhàs sinn car sgìth dheth sin ge-tà nuair a cheannaich sinn a’ chiad synth againn (Korg MS2000) is thàinig sinn comhla fon ainm Niteworks airson fèis a bha a’ tachairt sa Bhràighe (taobh a-mach à Port-Rìgh) ann an 2008.

Fhuair sinn an t-ainm bho sheann tèap a lorg Innes le Donnie Chrotail à Breacais a’ bruidhinn mu dheidhinn na h-atharraichean a chunnaic e seachad air an bliadhnaichean sa sgìre is sa choimhearsnachd. A’ fàs suas, bha sinn daonnan a’ faireachdainn na h-aon atharraichean ud, ach aig ceann eile an spectrum bho Dhonnie mar gum b’ eadh.

A bheil sibh a’ coimhead air adhart ri oidhche Shathairne? Carson a thagh sibh Glaschu gu sònraichte airson an launch?

Is sinne a tha! Ged a tha ar cridhean suidhichte air an eilean, tha Glaschu mar dhàrna dachaidh dhuinn is tha e a’ dèanamh ciall ga cleachdadh mar an àite gus an clàr a chur air bhog. Tha sinn a’ cur a h-uile spionnaidh, (is sgilean!) a-steach dhan oidhche seo gu bi e nas fheàrr na oidhche eile a rinn sinn roimhe, is mar sin tha sinn feumachd air venue a bhios freagarrach.

A bheil gin de na fans agaibh air càil neònach neo èibhinn a dhèanamh? Innis dhuinn mu dheidhinn sin. 

Cha d’ fhuair sinn drathars no sìon air an àrd-ùrlair fhathast ach bha aon tè a bha gu math rùisgte ro dheireadh fear de na gigs againn o choinn ghoirid. Cuideachd bha oidhche eile a bha sinn a’ cluich an àiteigin is thòisich a h-uile duine san luchd-èisteachd a’ pògadh a chèile. Tha mi a’ ciallachadh a h-uile duine really cruaidh phògadh mar bha glue nar beul no ruideigin. Chùm sinn oirnn a’ cluich bha sin car neònach ge-tà.

Dè na boybands eile is toil leibh?

JLS/Boyzone/Skerryvore

Tha JLS air condoms ùr a’ thoirt a-mach. Mur nach robh bacadh air an airgead agaibh, dè an t-seòrsa merchandise a’ gheibhadh sibh fhèin le Niteworks sgrìobhte air?

Femdoms – airson a bhith cothromach.

12036265_10203698619986069_698256221_n

Cò nur measg a tha as tarraingeach dha na boireannaich?

Uill tha na triùir eile sa chòmhlan (Ailean, Innes, Chris) uile ceangailte is ann an gaol. Mar sin tha sin a’ fàgail mi fhìn Ruairidh Neil Greumach saor, deiseal is deònach airson a’ mhingle!

Nuair nach eil sibh a’ cluich le Niteworks, dè bhios sibh a’ dèanamh?

A’ cluich na geàmaichean Day Ring, Day Ball, no Breakish Tennis. Geàmaichean rinn sinn an àird sinn fhèin, ach chan urrainn ach daoine bho Bhreacais no a’ Bhraighe a’ dol an sàs annta.

Dè an ceòl as toil leibh fhèin?

Arabian Multi-triphop is Acid jazz house bho taobh tuath papa new Guinea

Dè an track as fheàrr leibh air a’ chlàr ùr agaibh?

Am fear dìomhair; a’ tòiseachadh 34 uairean às dèidh an track mu dheireadh crìochnachadh.

A bheil backstage rituals aig duine agaibh ron a tha sibh a’ dol air an ard-ùrlar? Dè th’ annta?

Bidh sinn uile a’ gabhail frasair còmhla a’ gabhail uallach den siampù is siaban mu seach. Tha seo math gus a’ cumail an comhlan glan, is fìor mhath mar bonding experience!

Innis dhuinn rudeigin nach bi fios aig duine sam bith mu do dheidhinn?

Hmmmmmm tha seo ro chunnartach!

Dè an gig a b’ fheàrr leibh a tha sibh air dhèanamh?

Dhòmhsa co-dhiù, feumar a ràdh gun robh a’ chiad triup a chluich sinn Hebcelt bha sin sònraichte math. Deagh fhaireachdainn cuairt an àite, is bha an luchd-èisteachd air bhoil!

Nam biodh tu dol a thadhail air Taigh na Gàidhlig dè bheireadh tu dhuinn?

An clàr ùr ‘NW’ obvs.

Dè tha ri tighinn san àm ri teachd airson Niteworks?

Barrachd gigs is fèisean gus an clàr againn a’ sgaoileadh fad is farsaing. Tha sinn an dùil cuideachd gum bi sinn ag obair air barrachd remixes, is ma dh’fhaoidte a’ faighinn daoine a-steach airson remixes a dhèanamh air tracks air a’ chlàr againn. Cùm sùil oirnn airson barrachd fhios fhad ‘s a thèid cùisean air adhart 😛

Tha tiocaidean fhàthast ri fhaighinn airson an gig aca a-maireach! Carson nach faigh sibh fear? Bheir leat na drathars còmhla riut! Am bi thusa a chiad neachd a tha air na drathars agad a thiligil air an àrd-urlar airson Niteworks? CHI SINN ANN SIBH 😀 

11 Daoine a chì thu aig am Mòd Naiseanta Rioghail…

  1. Pàrantan Rùdasach

Tha sinn uile eòlach air an leithid… na pàrantan sin a bhios a’ fuaimneachadh nam faclan dhan chloinn fhad ‘s a bhios iad a’ seinn agus a’ dèanamh cinnteach nach eil fìù ‘s aon phìos fhalt a-mach à aite. Tha iad gu mòr a’ feuchainn gun gaire a bhriseadh air an aodann nuair a bhios a’ chlann aig daoine eile a’ diochuimhneachadh nam faclan. Na gabh dragh, mura faigh thu dhan fharpais idir, tha e ceart gu leòr. Bidh thu air a chluinntinn cho tric ‘s gum bi e faireachdainn mar gun robh thu ann co-dhiù – ‘Bha *cuir ainm a-seo* dìreach fìor mhath air Mairead Hulse a ghabhail, cha ghabhadh Dòmhall Ruadh Choruna a’ bhàrdachd cho math ris’

12179725_10203692195225454_1532759944_n

2. Na Belters

Farpaisean? Dè th’ ann an farpais? ‘S e an aon fharpais air a bheil iadsan eòlach cò as urrainn an leithid de dheoch làidir a ghabhail agus a bhith a’ cumail a’ dol fad na seachdaine! Tha TnaG nan deagh eisimpleirean air a seo agus tha na grùthan aca gu math eòlach air ciamar as urrainn dhut sin a dhèanamh. Mar as àbhaist gheibh thu lorg air a’ ghnè seo ann an buidhnean agus chan fhaic thu iad gus an oidhche leis gu bheil iad air a bhith a’ sabaid le droch chinn-dhaoraich fad an latha. Tha iad #MòdWaeIt

11982711_10203692198065525_1931142096_n

3. Luchd-Leantainn nan Còmhlain

OMC AN E CUIDEIGIN À CEÒL AN AIRE A THA SIN?! Guys guys…trobhad gus am faigh sinn 1,738 dealbh còmhla riutha!! Mur nach eil thu anns an roinn-seòrsa seo, tha fios gu bheil thu eòlach air cuideigin a tha. Tha mi cinnteach gu bheil thu a’ roiligeadh do shùilean dìreach smaoineachadh orra ach cha bhiodh am Mòd, neo na còmhlanan, an aon rud às aonais. Carson a bhiodh tu airson ruith as dèidh Harry Styles neo an leithid co-dhìu nuair a tha fìr mar Bernie Smith Jnr nar measg? Hahaha… ‘s dòcha gur e droch eisimpleir a tha sin…

12167866_10203692196625489_705109296_n

4. Na Bodaich

Tha na bodaich cha mhòr ‘s an aon roinn-seòrsa ris na Belters, ach tha iadsan tòrr a bharrachd nas hardcore. Tha na bodaich a chì thu aig a’ Mhòd anns an taigh-seinnse cho luath ‘s a tha e fòsgailte agus tha dràm aca nan làimh. Uill tha e fìor na tha iad ag ràdh – Cha deoch-slàint, i gun a tràghadh. Bidh faiceallach nach faighneachd thu airson òran – cha bhi iad airson stad agus dèan cinnteach gu bheil na brogan dannsaidh ort! Bidh iad feumach air com-pàirtiche as dèidh tè neo dhà eile!! Cuimhnich – gluais gu faicealleach le cupan làn…

11972997_10203692198505536_1612740912_n

5. An tè nach eil aig an fharpais ged a tha i ‘s a phrògram

A BHEIL MAIRI AN SEO? Feumaidh gu bheil i a’ ruith beagan fadalach. A BHEIL MAIRI AN SEO FHATHAST? Feumaidh gu bheil i trang aig farpaisean eile. A BHEIL MAIRI AN SEO? Feumaidh gu bheil i faisg a-nis..

Chan eil. Chan eil Màiri tighinn idir.

12167744_10203692197225504_2091075284_n

6. An duine a tha a’ dol a-mach an oidhche ron an fharpais aca agus chan eil guth aca a-nis

Tha Taigh na Gàidhlig eòlach air duine neo dithis….gun a bhith ‘g innse ainmean 😉 Bidh fios aig a h-uile duine eile cuideachd leis an ràpal a tha tighinn a-mach nuair a tha iad a’ toiseachadh ri bhith seinn neo bruidhinn. Feumaidh sinn ràdh chan eil sinn air seo fhaicinn ‘s na farpaisean oigridh fhathast ach ‘s dòcha gun tig e uair neo uaireigin!

12168095_10203692204065675_1354596152_n

7. Daoine nan Còisirean

Tha thu air coiseachd a-steach dhan taigh-seinnse agus tha e làn – mu cheathrad duine aig gach aois a’ gabhail medley de ‘Teann a-nall’, ‘Cànan nan Gaidheal’, ‘Cearcall a’ Chuain’ agus ‘s dòcha puirt neo dhà ma tha sibh fortananach – tha iad air nochdadh. Tha an t-seòrsa seo ag ullachadh airson na seachdaine seo fad na bliadhna – agus chan eil sinn a’ ciallachadh leis an seinn aca a-mhàin! Dhuinne, tha na còisirean mar rud gu math follaiseach aig a’ Mhòd agus tha an seinn aca – tron latha co-dhiù – a’ còrdadh ruinn.

11982898_10203692231546362_1378789083_n

8. Na daoine dìlseach a tha ag èisteachd ris na farpaisean air an rèideo gu dlùth nuair nach eil iad fìù ‘s aig a’ Mhòd

BBC Radio nan Gaidheal – ‘s e an slànaighear aig na daoine dìlseach seo nar measg. Chan eil iad air àm dheth fhaighinn bhon obair aca idir ach tha fhàthast fhios aca air gach facal a chaidh fhuaimneachadh ceàrr san t-Seann Nòs neo cò a dhiochuimhnich na faclan sa Bhonn Òr….agus tha sin air tachairt barrachd nam bithte an dùil!

12179142_10203692231946372_189609777_n

9. Na daoine bho thall thairis a tha Albannach ann an dòigh a’ choireigin…

“A bheil fhios agad gun robh mo shinn-shinn-shinn-shinn-sheanair as a’ Ghearasdan agus b’ e MacDhòmhnaill an sloinneadh a bh’ air. Feumaidh gun robh Gàidhlig aige.” Ar gaol dha na daoine seo. Tha iad dìreach cho cute. Tighinn dìreach airson an dualchas aca fhaicinn…. chan eil fhios gu bheil iad cho pròiseil nuair a dh’fhalbhas iad dhachaigh ge-ta as deidh na ‘Mòd states’ fhaicinn aig deireadh na h-oidhche! Haha!

12167808_10203692273227404_838497613_n

10. An nighean neo balach sin aig a’ bheil mu 20 bràistean air an tàidh aca

“Bhuannaich mi gach farpais airson an aois agam” – “Did ye aye?” Chan urrainn dhuinn sin fhaicinn leis an dealradh a tha tighinn bhon taidh ort – “oh, sin na bràistean”. Chan eil sinn idir ag ràdh nach urrainn dhut a bhith pròiseil air na tha thu air bhuannachadh ach ‘s e dìreach nach urrainn dhuinn an tartain agad fhaicinn leis an pailteas de bhràistean!!

12179964_10203692318548537_1318167603_n

11. Na duine a bhios cluich fonn a’ Mhòid fad na bliadhna

Am Mòd Naiseanta Rìoghail – Freshers Week dha na Gàidheil – tha mi creidsinn gum bi flu nam fresher air a’ mhòr chuid as dèidh làimh cuideachd!! Ach chan eil dòigh nas fheàrr airson faighinn seachad air na bhith a’ cumail ort mar nach eil e air criochnachadh idir! Chan fheum thu ach suidh sìos ann an taigh sheinnse – feuch fear Gàidhealach, chan eil mi a’ smaoineachadh gum biodh Spoons neo Campus cho toilichte le ceòl a’ Mhòid(!) – le cuideigin air a’ bhogsa a’ cluich ‘Seud nan Ceud Bliadhna’, am measg caraidean agus dràm nad làmh. Dìreach ‘s dòcha mu chòig thursan mun cuairt ge-ta….tha e fada ro chatchy airson a bhith ga chluich airson barrachd na sin – bhiodh e fhathast nad cheann ‘s tu sia troighean fon talamh!

12035158_10203692369869820_464674619_n

Na prìomh 10 fìr buadhmhor ann an saoghal na Gàidhlig…

1. Eòghan Stewart

Chan eil fhios againn buileach ciamar a fhuair an duine seo air an liosta, tha làn fhios aig a h-uile duine gu bheil e math air nochdadh ’s a h-uile h-àit gun cuireadh. Tha e gu math dìorrasachd air sgrìobhadh,  gu h-àraid leis an iris air loidhne, Dàna. Bha e fìus ag obair dhaibh air na saor laithean aige aig a’ Mhòd – bha e dlùth ri ainm a’ phàipear ‘s e a cuir na digits aige air na cairtean aig Dàna airson nigheanan neo-chiontach an Obain.

12036279_10203684804720696_323352868_n

Ps – Cluich seo aig an aon àm… https://www.youtube.com/watch?v=qXeesVb4dto&list=PLUSRfoOcUe4YStq1fDgmSbvkZfXxnu4-f&index=2

2. Ali Govig

Tha sinn toilichte gu bheil Ali, mu dheireadh thall, air beagan adhartas a dhèanamh a thaobh miann iomadh Gaidheal ’s e beagan nas fhaisge air a bhith an aghaidh aig BBC Alba. Cha robh sinn den bheachd gu robh moran chance aige, leis nach e boireannach tana, breagha a th’ann…ach ciamar a dh’fhaodadh tu seachnadh an child prodigy bho Gruth is Uachdar.

12008576_10203684665917226_939709180_n

3. Coinneach Smith

Bidh a h-uile duine eòlach air am fìr seo ‘s na gruaidhean dearg aige bho Rapal agus cha mhòr a h-uile prògram eile air an reidio – BBC Radio nan Gaidheal air a tha sinn a’ bruidhinn – chan eil e buileach air BBC Radio 1 fhàthast. ‘S e all rounder a th’ann an Coinneach agus bidh e cuideachd a’ pùtadh ceòl na Gàidhlig, le bhith seinn uair ‘s am bith a tha an deoch air. Bheireadh e deagh farpais gu Arthur Cormack leis an ribhinn òg….bheil cuimhn’ agad a’ Choinnich?

1966348_10205349676120096_5620459800295177854_o-2

Feuchaibh ur suilean a’ chumail a-mach airson an CD ùr aige a’ bhios air a’ reic ann am bùth faisg ort ‘s an àm ri teachd. – Taing do Ali Govig airson an artwork spoiler!

4. Gillebrìde 

Choinnich dithis againn ris an gaisgeach seo an toiseach aig Ceòlas aon bliadhna agus bhiodh e air an liosta againn dè aonan de na prìomh fìr as buadhmhor ‘s an t-saoghal – chan ann dìreach ann an saoghal na Gàidhlig. Mur nach eil e ga do shlaodadh a-steach le cho mionaideach ‘s a tha an gramar aige, ‘s e deagh sheinneadair a th’ann cuideachd agus beagan de superstar. Tha e air a bhith air feadh na meadhanan ann an Amerigaidh leis na sgilean dràma aige. Bheil fios agaibh gur e ainm gu math pìosail a th’ann an Gillebrìde? Tha fios againn uile air an clìu a th’air eisirean a’ bhios iad a’ glacadh co dhìu…! Feumaidh sibh faighinn anns an loidhne ge-ta nigheanan…chuala sinn gu bheil an t-uabhas ‘fan mail’ aige ‘s na laithean seo…

OUT103-46

5. Robert Robertson

Tha an neachd-ionnsachaidh seo air streap ’s na charts… a’ measg rudan eile(!) agus bha sinn làn bheachd àite air an lìosta againn a’ thoirt dha! Ghleidh e a’ bhonn òr cuideachd – abair tàlant! Chan eil fhios againn mu dheidhinn na nigheanan ach abair duine buadhmhòr dha na balaich òg nar measg. Cò nach biodh airson lumbar àlainn fhàighinn gach turas a tha Skipinnish a’ dèanamh bhideo ùr? Neo gach turas a tha ‘Walking on the Waves’ a’ tighinn air ann an O’Neills…

                        12023751_10203684562554642_313010488_n

6. Angus Brendan MacNeil

Fìus mur nach eil sibh measail air am politics aige, feumaidh sibh aideachadh air cho eibhinn ‘s a tha e air an tele. Tha e a’ togail aire na Gàidhlig anns an Taigh Chommons agus tha rudeigin an còmhnaidh aige ri ràdh….mur nach eil e a’ falach anns na taighean beaga! #Rooaaaarrr

CLZ6W5ZWEAADEs4

7. Arthur Cormack

Arthur Cormack, rìgh an Eilein Sgitheanaich. Dè seorsa liosta Gàidhlig a’ bhiodh ann gun an duine seo. Nuair nach eil na làmhan ‘s na pòcaidean aige agus e a’ seinn Psalm 117/150,  tha e traing a’ togail trì seinneadairean Gàidhlig eile a tha a’ cheart cho math – the Vontrapp Family Cormack.

10848923_634553730003907_1233832368183202645_o-2

8. Seasaidh Lexy 

Gee Whiz. Cò aig a’ bhiodh duil? Drag Queen ann an saoghal na Gàidhlig!! Bhiodh feum agad a bhith duine gu math sònraichte airson bhith toirt air Drag ag obair ann an saoghal na Gàidhlig…gu h-àraid gu ceòl na Balaich Bhatarsaigh!! O a Sheasaidh Lexy…

11982858_10203684921123606_581504249_n

Eist ris leis a’ seo…. https://www.youtube.com/watch?v=CqPU7NSVQwY

9. Crìsdean Cunnartach

Nochd an amadan seo air na screens againn an uiridh, ‘s e feuchainn a bhith toirt air gur e Danny MacAskill fhèin a bh’ann airson FilmG. Ghleidh e duais agus cuideachd fhuair e am bhideo aige air an larach linn aig Red Bull. Chan fhaca mi na sgiathan fhàthast ge-ta…

11105013_10203684609635819_1908636396_n

10. Paul Geddes

Ged a dh’fhàg Paul Ghlaschu airson dol a dh’Eirinn airson bliadhna tha e nis air ais agus ‘s a Phàirc cho trìc ‘s a bha e riamh. Tha Paul gu math buadhmhor do nigheanan TnaG leis gu bheil esan an aon duine a tha ag òl nas trice na tha iad fhèin! Clìuteach airson na geansaidhean aige agus an gaol a th’aige airson O’Neills, tha Paul feuchainn ri aire na Gàidhlig a’ ghlacadh anns na haunts ùr aige am bliadhna – Kushion, Viper agus an Roinn Lagh aig Oilthigh Ghlaschu.

11701107_10206614128570466_5579860971740028055_n

Fàilte gu Blog Ùr Taigh na Gàidhlig

Hello agus fàilte dhan bhlog ùr againn!!

Oileanaich Oilthigh Ghlaschu a’ fuireach còmhla ann an Taigh na Gàidhlig eadar 2015-16!

Cò sinne?

‘S mise Shannon Cowie agus ‘s ann à Inbhir Nis a tha mi. Tha mi anns an cheathramh bliadhna aig Oilthigh Ghlaschu a’ leughadh Pharmacology. Nuair a bha mi òg b’ àbhaist dhomh a bhith a’ cluich hockey fon uisge!

‘S mise Catriona NicIllemhoire agus ‘s ann à Uibhist a Deas a tha mi. Rinn mi BA Hons ann an Eachdraidh na h-Alba aig UHI. Tha mi a’ dèanamh PGDE aig Oilthigh Strath-Chluaidh ann an Eachdraidh aig ìre àrd-sgoil. Tha mi air an worm anns a’ Phairc, O’ Neills, agus roinn na Gàidhlig!

‘S mise Erin Park agus ‘s ann à Pennsylvania, USA a tha mi. Tha mi anns an treasamh bliadhna aig Oilthigh Ghlaschu a’ leughadh Gàidhlig is Cànan na Beurla. Rud air nach bi fios agaibh: bhuannaich mi smart watch o chionn ghoirid is cha mhòr nach do dh’fhàg e mo dhùirn!

vv      12046716_10207057210967249_8258725055962273126_n