Gearanan Gràmar air innse le luchd-teagaisg na Gàidhlig fhèin…

“Nuair nach eil duine ag aithneachadh an diofar eadar gnè le fear is tè – cuimhn’ am sgoilear ag ràdh gun robh a piuthar trom le leanabh – dh’fhaighnich sgoilear eile sa chlas “Dè fear?” Uill, mo chreach, abair masladh!” 

pregnantmanmeme

“B’ eòlach do sheanair air ‘do seanair’! Dè idir a tha cho doirbh mu dheidhinn na thachras ri ainmear às dèidh ‘mo’ agus ‘do’? Ainmear a’ tòiseachadh le F? Ainmear a’ tòiseachadh le fuaimreag? Ainmear a’ tòiseachadh le L, N, R, SG, SM, ST no SP? Ainmear a’ tòiseachadh leis a h-uile litir eile? Tha fios agaibh uile air na riaghailtean. Carson a-rèist nach cleachd sibh iad?!”

“Chaidh iarraidh orm rudeigin aotram èibhinn a sgriobhadh air mearachdan gràmair. Aotram! Èibhinn! Air cuspair cho trom-chuiseach tarbhach ri gramair. Grrrrr!

Air fear de na rudan a bhios a’ cur orm – is cluinnear tric is minig air na naidheachdan e – ‘s e “Chaidh na mèirlich an cur an greim”. Ceàrr, ceàrr is ceàrr a-rithist! Dè tha ceart mathà? “Chaidh na mèirlich a chur an greim. Rugadh orra madainn an-diugh is chaidh an cur an greim sa bhad.” Mar sin ma tha an t-ainmear fhèin ann, cha bhi sibh a’ cur ‘an’ ann. “Thèid taigh ùr a thogail air an làraich sin is thèid a thogail nuair a gheibh iad cead dealbhachaidh.” Gu h-eachdraidheil, chan e an aon ‘a’ a tha annta seo. ‘S e ‘do’ a bha sa chiad fhear1, mar ‘a’ dol do Ghlaschu’ a tha e fhèin air atharrachadh gu ‘a’ dol a Ghlaschu’. ‘S e ‘a’ leis an aon chiall ri ‘aige’ a tha san dàrna fear2, mar ‘a chas’.

“Chaidh Clann MhicLeòid a1 thogail ann an Inbhir Nis. Calum? Chaidh a2 thogail an sin. Ciorstaidh? Chaidh a2 togail an sin cuideachd. Aonghas agus Robaidh? Chaidh an2 togail an sin cuideachd. Chaidh an teaghlach air fad a1 thogail an sin.”

Agus duine sam bith a bhriseas an riaghailt seo? Bu chòir gun tèid na daoine sin a1chrochadh air amhaich gus an caill iad an deò is an uair sin an2 nàrachadh air feadh ceithir ranna ruadha an t-saoghail.

Sin nas fheàrr! A-nis dè an rud eile a bha siud a bha agam ri dhèanamh? Aaa, seadh! A h-aon, a dhà, a-trì …..”

“Gabh spòrs Feumaidh mi aideachadh gum bi mi a’ fas gu math crosta nuair a chluinneas mi cuideigin ag ràdh gabh spòrs. In fact, tha mi gu math crosta o chionn’s gu bheil mi air na dearbh fhaclan sin a thaipeadh an-dràsta fhèin. Fada ro thric thathar a’ smaointinn o chionn’s gu bheil e ag obrachadh sa Bheurla, gun obraich e sa Ghàidhlig. Uill, chan eil. Bidh sinn a’ gabhail tòrr rudan, an caothach, drama no dhà oidhche Shathairne, cupa tì mus fhalbh sinn dhan leabaidh, fras as dèidh a bhith sa gym. Ach cha bhi sinn a’ gabhail spòrs. Tha e cho sìmplidh sin.”

GabhSpors

“Aig mise, le thusa – na ro-ainmearan roimhearach a’ briseadh sìos – tha sin ga mo chur droil”

Advertisements

An àm a’ choinnich TnaG ri Ruairidh Graham à Niteworks…

Niteworks

Innis dhuinn mu dheidhinn an clàr ùr agaibh agus ciamar a thàinig e gu buil

Tha na ceathrar againn air a bhith ag obair air a’ chlàr seo ann an criomagan an siud ‘s an seo thar na trì no ceithir bliadhna a dh’fhalbh. Thèid an t-uabhas air an sgrìobhadh mu dheidhinn amasan sònraichte a th’ aige artists is lèirsinn nan clàran aca, ach cha chreid mi gun robh sinne a’ smaoineachadh san dòigh sin. Bha miann againn gus clàr a chur air dòigh, is ‘s e cruinneachadh de cheòl a tha sinn air a bhith a’ sgrìobhadh airson greis a-nis. Tha e iognantach mar a bhios an ceòl a’ caochladh fhad ‘s thèid sinn air adhart leis co-dhiù is uaireanan tha e gu math diofraichte bhon rud a thòisich thu leis.

Tha sibh air a bhith còmhla airson dhà neo trì bliadhna a-nis. Ciamar a thàinig sibh ri chèile mar chòmhlan an toiseach agus ciamar an d’ fhuair sibh an t-ainm agaibh?

Tha sinn air a bhith còmhla fon ainm Niteworks bho 2008!! Bha na ceathrar againn an sàs ann an diofar chòmhlain on a bha sinn sa sgoil, is aig an àm ud b’ e ceòl rock a bha sinn a’ cluich. Dh’fhàs sinn car sgìth dheth sin ge-tà nuair a cheannaich sinn a’ chiad synth againn (Korg MS2000) is thàinig sinn comhla fon ainm Niteworks airson fèis a bha a’ tachairt sa Bhràighe (taobh a-mach à Port-Rìgh) ann an 2008.

Fhuair sinn an t-ainm bho sheann tèap a lorg Innes le Donnie Chrotail à Breacais a’ bruidhinn mu dheidhinn na h-atharraichean a chunnaic e seachad air an bliadhnaichean sa sgìre is sa choimhearsnachd. A’ fàs suas, bha sinn daonnan a’ faireachdainn na h-aon atharraichean ud, ach aig ceann eile an spectrum bho Dhonnie mar gum b’ eadh.

A bheil sibh a’ coimhead air adhart ri oidhche Shathairne? Carson a thagh sibh Glaschu gu sònraichte airson an launch?

Is sinne a tha! Ged a tha ar cridhean suidhichte air an eilean, tha Glaschu mar dhàrna dachaidh dhuinn is tha e a’ dèanamh ciall ga cleachdadh mar an àite gus an clàr a chur air bhog. Tha sinn a’ cur a h-uile spionnaidh, (is sgilean!) a-steach dhan oidhche seo gu bi e nas fheàrr na oidhche eile a rinn sinn roimhe, is mar sin tha sinn feumachd air venue a bhios freagarrach.

A bheil gin de na fans agaibh air càil neònach neo èibhinn a dhèanamh? Innis dhuinn mu dheidhinn sin. 

Cha d’ fhuair sinn drathars no sìon air an àrd-ùrlair fhathast ach bha aon tè a bha gu math rùisgte ro dheireadh fear de na gigs againn o choinn ghoirid. Cuideachd bha oidhche eile a bha sinn a’ cluich an àiteigin is thòisich a h-uile duine san luchd-èisteachd a’ pògadh a chèile. Tha mi a’ ciallachadh a h-uile duine really cruaidh phògadh mar bha glue nar beul no ruideigin. Chùm sinn oirnn a’ cluich bha sin car neònach ge-tà.

Dè na boybands eile is toil leibh?

JLS/Boyzone/Skerryvore

Tha JLS air condoms ùr a’ thoirt a-mach. Mur nach robh bacadh air an airgead agaibh, dè an t-seòrsa merchandise a’ gheibhadh sibh fhèin le Niteworks sgrìobhte air?

Femdoms – airson a bhith cothromach.

12036265_10203698619986069_698256221_n

Cò nur measg a tha as tarraingeach dha na boireannaich?

Uill tha na triùir eile sa chòmhlan (Ailean, Innes, Chris) uile ceangailte is ann an gaol. Mar sin tha sin a’ fàgail mi fhìn Ruairidh Neil Greumach saor, deiseal is deònach airson a’ mhingle!

Nuair nach eil sibh a’ cluich le Niteworks, dè bhios sibh a’ dèanamh?

A’ cluich na geàmaichean Day Ring, Day Ball, no Breakish Tennis. Geàmaichean rinn sinn an àird sinn fhèin, ach chan urrainn ach daoine bho Bhreacais no a’ Bhraighe a’ dol an sàs annta.

Dè an ceòl as toil leibh fhèin?

Arabian Multi-triphop is Acid jazz house bho taobh tuath papa new Guinea

Dè an track as fheàrr leibh air a’ chlàr ùr agaibh?

Am fear dìomhair; a’ tòiseachadh 34 uairean às dèidh an track mu dheireadh crìochnachadh.

A bheil backstage rituals aig duine agaibh ron a tha sibh a’ dol air an ard-ùrlar? Dè th’ annta?

Bidh sinn uile a’ gabhail frasair còmhla a’ gabhail uallach den siampù is siaban mu seach. Tha seo math gus a’ cumail an comhlan glan, is fìor mhath mar bonding experience!

Innis dhuinn rudeigin nach bi fios aig duine sam bith mu do dheidhinn?

Hmmmmmm tha seo ro chunnartach!

Dè an gig a b’ fheàrr leibh a tha sibh air dhèanamh?

Dhòmhsa co-dhiù, feumar a ràdh gun robh a’ chiad triup a chluich sinn Hebcelt bha sin sònraichte math. Deagh fhaireachdainn cuairt an àite, is bha an luchd-èisteachd air bhoil!

Nam biodh tu dol a thadhail air Taigh na Gàidhlig dè bheireadh tu dhuinn?

An clàr ùr ‘NW’ obvs.

Dè tha ri tighinn san àm ri teachd airson Niteworks?

Barrachd gigs is fèisean gus an clàr againn a’ sgaoileadh fad is farsaing. Tha sinn an dùil cuideachd gum bi sinn ag obair air barrachd remixes, is ma dh’fhaoidte a’ faighinn daoine a-steach airson remixes a dhèanamh air tracks air a’ chlàr againn. Cùm sùil oirnn airson barrachd fhios fhad ‘s a thèid cùisean air adhart 😛

Tha tiocaidean fhàthast ri fhaighinn airson an gig aca a-maireach! Carson nach faigh sibh fear? Bheir leat na drathars còmhla riut! Am bi thusa a chiad neachd a tha air na drathars agad a thiligil air an àrd-urlar airson Niteworks? CHI SINN ANN SIBH 😀 

11 Daoine a chì thu aig am Mòd Naiseanta Rioghail…

  1. Pàrantan Rùdasach

Tha sinn uile eòlach air an leithid… na pàrantan sin a bhios a’ fuaimneachadh nam faclan dhan chloinn fhad ‘s a bhios iad a’ seinn agus a’ dèanamh cinnteach nach eil fìù ‘s aon phìos fhalt a-mach à aite. Tha iad gu mòr a’ feuchainn gun gaire a bhriseadh air an aodann nuair a bhios a’ chlann aig daoine eile a’ diochuimhneachadh nam faclan. Na gabh dragh, mura faigh thu dhan fharpais idir, tha e ceart gu leòr. Bidh thu air a chluinntinn cho tric ‘s gum bi e faireachdainn mar gun robh thu ann co-dhiù – ‘Bha *cuir ainm a-seo* dìreach fìor mhath air Mairead Hulse a ghabhail, cha ghabhadh Dòmhall Ruadh Choruna a’ bhàrdachd cho math ris’

12179725_10203692195225454_1532759944_n

2. Na Belters

Farpaisean? Dè th’ ann an farpais? ‘S e an aon fharpais air a bheil iadsan eòlach cò as urrainn an leithid de dheoch làidir a ghabhail agus a bhith a’ cumail a’ dol fad na seachdaine! Tha TnaG nan deagh eisimpleirean air a seo agus tha na grùthan aca gu math eòlach air ciamar as urrainn dhut sin a dhèanamh. Mar as àbhaist gheibh thu lorg air a’ ghnè seo ann an buidhnean agus chan fhaic thu iad gus an oidhche leis gu bheil iad air a bhith a’ sabaid le droch chinn-dhaoraich fad an latha. Tha iad #MòdWaeIt

11982711_10203692198065525_1931142096_n

3. Luchd-Leantainn nan Còmhlain

OMC AN E CUIDEIGIN À CEÒL AN AIRE A THA SIN?! Guys guys…trobhad gus am faigh sinn 1,738 dealbh còmhla riutha!! Mur nach eil thu anns an roinn-seòrsa seo, tha fios gu bheil thu eòlach air cuideigin a tha. Tha mi cinnteach gu bheil thu a’ roiligeadh do shùilean dìreach smaoineachadh orra ach cha bhiodh am Mòd, neo na còmhlanan, an aon rud às aonais. Carson a bhiodh tu airson ruith as dèidh Harry Styles neo an leithid co-dhìu nuair a tha fìr mar Bernie Smith Jnr nar measg? Hahaha… ‘s dòcha gur e droch eisimpleir a tha sin…

12167866_10203692196625489_705109296_n

4. Na Bodaich

Tha na bodaich cha mhòr ‘s an aon roinn-seòrsa ris na Belters, ach tha iadsan tòrr a bharrachd nas hardcore. Tha na bodaich a chì thu aig a’ Mhòd anns an taigh-seinnse cho luath ‘s a tha e fòsgailte agus tha dràm aca nan làimh. Uill tha e fìor na tha iad ag ràdh – Cha deoch-slàint, i gun a tràghadh. Bidh faiceallach nach faighneachd thu airson òran – cha bhi iad airson stad agus dèan cinnteach gu bheil na brogan dannsaidh ort! Bidh iad feumach air com-pàirtiche as dèidh tè neo dhà eile!! Cuimhnich – gluais gu faicealleach le cupan làn…

11972997_10203692198505536_1612740912_n

5. An tè nach eil aig an fharpais ged a tha i ‘s a phrògram

A BHEIL MAIRI AN SEO? Feumaidh gu bheil i a’ ruith beagan fadalach. A BHEIL MAIRI AN SEO FHATHAST? Feumaidh gu bheil i trang aig farpaisean eile. A BHEIL MAIRI AN SEO? Feumaidh gu bheil i faisg a-nis..

Chan eil. Chan eil Màiri tighinn idir.

12167744_10203692197225504_2091075284_n

6. An duine a tha a’ dol a-mach an oidhche ron an fharpais aca agus chan eil guth aca a-nis

Tha Taigh na Gàidhlig eòlach air duine neo dithis….gun a bhith ‘g innse ainmean 😉 Bidh fios aig a h-uile duine eile cuideachd leis an ràpal a tha tighinn a-mach nuair a tha iad a’ toiseachadh ri bhith seinn neo bruidhinn. Feumaidh sinn ràdh chan eil sinn air seo fhaicinn ‘s na farpaisean oigridh fhathast ach ‘s dòcha gun tig e uair neo uaireigin!

12168095_10203692204065675_1354596152_n

7. Daoine nan Còisirean

Tha thu air coiseachd a-steach dhan taigh-seinnse agus tha e làn – mu cheathrad duine aig gach aois a’ gabhail medley de ‘Teann a-nall’, ‘Cànan nan Gaidheal’, ‘Cearcall a’ Chuain’ agus ‘s dòcha puirt neo dhà ma tha sibh fortananach – tha iad air nochdadh. Tha an t-seòrsa seo ag ullachadh airson na seachdaine seo fad na bliadhna – agus chan eil sinn a’ ciallachadh leis an seinn aca a-mhàin! Dhuinne, tha na còisirean mar rud gu math follaiseach aig a’ Mhòd agus tha an seinn aca – tron latha co-dhiù – a’ còrdadh ruinn.

11982898_10203692231546362_1378789083_n

8. Na daoine dìlseach a tha ag èisteachd ris na farpaisean air an rèideo gu dlùth nuair nach eil iad fìù ‘s aig a’ Mhòd

BBC Radio nan Gaidheal – ‘s e an slànaighear aig na daoine dìlseach seo nar measg. Chan eil iad air àm dheth fhaighinn bhon obair aca idir ach tha fhàthast fhios aca air gach facal a chaidh fhuaimneachadh ceàrr san t-Seann Nòs neo cò a dhiochuimhnich na faclan sa Bhonn Òr….agus tha sin air tachairt barrachd nam bithte an dùil!

12179142_10203692231946372_189609777_n

9. Na daoine bho thall thairis a tha Albannach ann an dòigh a’ choireigin…

“A bheil fhios agad gun robh mo shinn-shinn-shinn-shinn-sheanair as a’ Ghearasdan agus b’ e MacDhòmhnaill an sloinneadh a bh’ air. Feumaidh gun robh Gàidhlig aige.” Ar gaol dha na daoine seo. Tha iad dìreach cho cute. Tighinn dìreach airson an dualchas aca fhaicinn…. chan eil fhios gu bheil iad cho pròiseil nuair a dh’fhalbhas iad dhachaigh ge-ta as deidh na ‘Mòd states’ fhaicinn aig deireadh na h-oidhche! Haha!

12167808_10203692273227404_838497613_n

10. An nighean neo balach sin aig a’ bheil mu 20 bràistean air an tàidh aca

“Bhuannaich mi gach farpais airson an aois agam” – “Did ye aye?” Chan urrainn dhuinn sin fhaicinn leis an dealradh a tha tighinn bhon taidh ort – “oh, sin na bràistean”. Chan eil sinn idir ag ràdh nach urrainn dhut a bhith pròiseil air na tha thu air bhuannachadh ach ‘s e dìreach nach urrainn dhuinn an tartain agad fhaicinn leis an pailteas de bhràistean!!

12179964_10203692318548537_1318167603_n

11. Na duine a bhios cluich fonn a’ Mhòid fad na bliadhna

Am Mòd Naiseanta Rìoghail – Freshers Week dha na Gàidheil – tha mi creidsinn gum bi flu nam fresher air a’ mhòr chuid as dèidh làimh cuideachd!! Ach chan eil dòigh nas fheàrr airson faighinn seachad air na bhith a’ cumail ort mar nach eil e air criochnachadh idir! Chan fheum thu ach suidh sìos ann an taigh sheinnse – feuch fear Gàidhealach, chan eil mi a’ smaoineachadh gum biodh Spoons neo Campus cho toilichte le ceòl a’ Mhòid(!) – le cuideigin air a’ bhogsa a’ cluich ‘Seud nan Ceud Bliadhna’, am measg caraidean agus dràm nad làmh. Dìreach ‘s dòcha mu chòig thursan mun cuairt ge-ta….tha e fada ro chatchy airson a bhith ga chluich airson barrachd na sin – bhiodh e fhathast nad cheann ‘s tu sia troighean fon talamh!

12035158_10203692369869820_464674619_n

Na prìomh 10 fìr buadhmhor ann an saoghal na Gàidhlig…

1. Eòghan Stewart

Chan eil fhios againn buileach ciamar a fhuair an duine seo air an liosta, tha làn fhios aig a h-uile duine gu bheil e math air nochdadh ’s a h-uile h-àit gun cuireadh. Tha e gu math dìorrasachd air sgrìobhadh,  gu h-àraid leis an iris air loidhne, Dàna. Bha e fìus ag obair dhaibh air na saor laithean aige aig a’ Mhòd – bha e dlùth ri ainm a’ phàipear ‘s e a cuir na digits aige air na cairtean aig Dàna airson nigheanan neo-chiontach an Obain.

12036279_10203684804720696_323352868_n

Ps – Cluich seo aig an aon àm… https://www.youtube.com/watch?v=qXeesVb4dto&list=PLUSRfoOcUe4YStq1fDgmSbvkZfXxnu4-f&index=2

2. Ali Govig

Tha sinn toilichte gu bheil Ali, mu dheireadh thall, air beagan adhartas a dhèanamh a thaobh miann iomadh Gaidheal ’s e beagan nas fhaisge air a bhith an aghaidh aig BBC Alba. Cha robh sinn den bheachd gu robh moran chance aige, leis nach e boireannach tana, breagha a th’ann…ach ciamar a dh’fhaodadh tu seachnadh an child prodigy bho Gruth is Uachdar.

12008576_10203684665917226_939709180_n

3. Coinneach Smith

Bidh a h-uile duine eòlach air am fìr seo ‘s na gruaidhean dearg aige bho Rapal agus cha mhòr a h-uile prògram eile air an reidio – BBC Radio nan Gaidheal air a tha sinn a’ bruidhinn – chan eil e buileach air BBC Radio 1 fhàthast. ‘S e all rounder a th’ann an Coinneach agus bidh e cuideachd a’ pùtadh ceòl na Gàidhlig, le bhith seinn uair ‘s am bith a tha an deoch air. Bheireadh e deagh farpais gu Arthur Cormack leis an ribhinn òg….bheil cuimhn’ agad a’ Choinnich?

1966348_10205349676120096_5620459800295177854_o-2

Feuchaibh ur suilean a’ chumail a-mach airson an CD ùr aige a’ bhios air a’ reic ann am bùth faisg ort ‘s an àm ri teachd. – Taing do Ali Govig airson an artwork spoiler!

4. Gillebrìde 

Choinnich dithis againn ris an gaisgeach seo an toiseach aig Ceòlas aon bliadhna agus bhiodh e air an liosta againn dè aonan de na prìomh fìr as buadhmhor ‘s an t-saoghal – chan ann dìreach ann an saoghal na Gàidhlig. Mur nach eil e ga do shlaodadh a-steach le cho mionaideach ‘s a tha an gramar aige, ‘s e deagh sheinneadair a th’ann cuideachd agus beagan de superstar. Tha e air a bhith air feadh na meadhanan ann an Amerigaidh leis na sgilean dràma aige. Bheil fios agaibh gur e ainm gu math pìosail a th’ann an Gillebrìde? Tha fios againn uile air an clìu a th’air eisirean a’ bhios iad a’ glacadh co dhìu…! Feumaidh sibh faighinn anns an loidhne ge-ta nigheanan…chuala sinn gu bheil an t-uabhas ‘fan mail’ aige ‘s na laithean seo…

OUT103-46

5. Robert Robertson

Tha an neachd-ionnsachaidh seo air streap ’s na charts… a’ measg rudan eile(!) agus bha sinn làn bheachd àite air an lìosta againn a’ thoirt dha! Ghleidh e a’ bhonn òr cuideachd – abair tàlant! Chan eil fhios againn mu dheidhinn na nigheanan ach abair duine buadhmhòr dha na balaich òg nar measg. Cò nach biodh airson lumbar àlainn fhàighinn gach turas a tha Skipinnish a’ dèanamh bhideo ùr? Neo gach turas a tha ‘Walking on the Waves’ a’ tighinn air ann an O’Neills…

                        12023751_10203684562554642_313010488_n

6. Angus Brendan MacNeil

Fìus mur nach eil sibh measail air am politics aige, feumaidh sibh aideachadh air cho eibhinn ‘s a tha e air an tele. Tha e a’ togail aire na Gàidhlig anns an Taigh Chommons agus tha rudeigin an còmhnaidh aige ri ràdh….mur nach eil e a’ falach anns na taighean beaga! #Rooaaaarrr

CLZ6W5ZWEAADEs4

7. Arthur Cormack

Arthur Cormack, rìgh an Eilein Sgitheanaich. Dè seorsa liosta Gàidhlig a’ bhiodh ann gun an duine seo. Nuair nach eil na làmhan ‘s na pòcaidean aige agus e a’ seinn Psalm 117/150,  tha e traing a’ togail trì seinneadairean Gàidhlig eile a tha a’ cheart cho math – the Vontrapp Family Cormack.

10848923_634553730003907_1233832368183202645_o-2

8. Seasaidh Lexy 

Gee Whiz. Cò aig a’ bhiodh duil? Drag Queen ann an saoghal na Gàidhlig!! Bhiodh feum agad a bhith duine gu math sònraichte airson bhith toirt air Drag ag obair ann an saoghal na Gàidhlig…gu h-àraid gu ceòl na Balaich Bhatarsaigh!! O a Sheasaidh Lexy…

11982858_10203684921123606_581504249_n

Eist ris leis a’ seo…. https://www.youtube.com/watch?v=CqPU7NSVQwY

9. Crìsdean Cunnartach

Nochd an amadan seo air na screens againn an uiridh, ‘s e feuchainn a bhith toirt air gur e Danny MacAskill fhèin a bh’ann airson FilmG. Ghleidh e duais agus cuideachd fhuair e am bhideo aige air an larach linn aig Red Bull. Chan fhaca mi na sgiathan fhàthast ge-ta…

11105013_10203684609635819_1908636396_n

10. Paul Geddes

Ged a dh’fhàg Paul Ghlaschu airson dol a dh’Eirinn airson bliadhna tha e nis air ais agus ‘s a Phàirc cho trìc ‘s a bha e riamh. Tha Paul gu math buadhmhor do nigheanan TnaG leis gu bheil esan an aon duine a tha ag òl nas trice na tha iad fhèin! Clìuteach airson na geansaidhean aige agus an gaol a th’aige airson O’Neills, tha Paul feuchainn ri aire na Gàidhlig a’ ghlacadh anns na haunts ùr aige am bliadhna – Kushion, Viper agus an Roinn Lagh aig Oilthigh Ghlaschu.

11701107_10206614128570466_5579860971740028055_n

Fàilte gu Blog Ùr Taigh na Gàidhlig

Hello agus fàilte dhan bhlog ùr againn!!

Oileanaich Oilthigh Ghlaschu a’ fuireach còmhla ann an Taigh na Gàidhlig eadar 2015-16!

Cò sinne?

‘S mise Shannon Cowie agus ‘s ann à Inbhir Nis a tha mi. Tha mi anns an cheathramh bliadhna aig Oilthigh Ghlaschu a’ leughadh Pharmacology. Nuair a bha mi òg b’ àbhaist dhomh a bhith a’ cluich hockey fon uisge!

‘S mise Catriona NicIllemhoire agus ‘s ann à Uibhist a Deas a tha mi. Rinn mi BA Hons ann an Eachdraidh na h-Alba aig UHI. Tha mi a’ dèanamh PGDE aig Oilthigh Strath-Chluaidh ann an Eachdraidh aig ìre àrd-sgoil. Tha mi air an worm anns a’ Phairc, O’ Neills, agus roinn na Gàidhlig!

‘S mise Erin Park agus ‘s ann à Pennsylvania, USA a tha mi. Tha mi anns an treasamh bliadhna aig Oilthigh Ghlaschu a’ leughadh Gàidhlig is Cànan na Beurla. Rud air nach bi fios agaibh: bhuannaich mi smart watch o chionn ghoirid is cha mhòr nach do dh’fhàg e mo dhùirn!

vv      12046716_10207057210967249_8258725055962273126_n