An àm a’ choinnich TnaG ri Ruairidh Graham à Niteworks…

Niteworks

Innis dhuinn mu dheidhinn an clàr ùr agaibh agus ciamar a thàinig e gu buil

Tha na ceathrar againn air a bhith ag obair air a’ chlàr seo ann an criomagan an siud ‘s an seo thar na trì no ceithir bliadhna a dh’fhalbh. Thèid an t-uabhas air an sgrìobhadh mu dheidhinn amasan sònraichte a th’ aige artists is lèirsinn nan clàran aca, ach cha chreid mi gun robh sinne a’ smaoineachadh san dòigh sin. Bha miann againn gus clàr a chur air dòigh, is ‘s e cruinneachadh de cheòl a tha sinn air a bhith a’ sgrìobhadh airson greis a-nis. Tha e iognantach mar a bhios an ceòl a’ caochladh fhad ‘s thèid sinn air adhart leis co-dhiù is uaireanan tha e gu math diofraichte bhon rud a thòisich thu leis.

Tha sibh air a bhith còmhla airson dhà neo trì bliadhna a-nis. Ciamar a thàinig sibh ri chèile mar chòmhlan an toiseach agus ciamar an d’ fhuair sibh an t-ainm agaibh?

Tha sinn air a bhith còmhla fon ainm Niteworks bho 2008!! Bha na ceathrar againn an sàs ann an diofar chòmhlain on a bha sinn sa sgoil, is aig an àm ud b’ e ceòl rock a bha sinn a’ cluich. Dh’fhàs sinn car sgìth dheth sin ge-tà nuair a cheannaich sinn a’ chiad synth againn (Korg MS2000) is thàinig sinn comhla fon ainm Niteworks airson fèis a bha a’ tachairt sa Bhràighe (taobh a-mach à Port-Rìgh) ann an 2008.

Fhuair sinn an t-ainm bho sheann tèap a lorg Innes le Donnie Chrotail à Breacais a’ bruidhinn mu dheidhinn na h-atharraichean a chunnaic e seachad air an bliadhnaichean sa sgìre is sa choimhearsnachd. A’ fàs suas, bha sinn daonnan a’ faireachdainn na h-aon atharraichean ud, ach aig ceann eile an spectrum bho Dhonnie mar gum b’ eadh.

A bheil sibh a’ coimhead air adhart ri oidhche Shathairne? Carson a thagh sibh Glaschu gu sònraichte airson an launch?

Is sinne a tha! Ged a tha ar cridhean suidhichte air an eilean, tha Glaschu mar dhàrna dachaidh dhuinn is tha e a’ dèanamh ciall ga cleachdadh mar an àite gus an clàr a chur air bhog. Tha sinn a’ cur a h-uile spionnaidh, (is sgilean!) a-steach dhan oidhche seo gu bi e nas fheàrr na oidhche eile a rinn sinn roimhe, is mar sin tha sinn feumachd air venue a bhios freagarrach.

A bheil gin de na fans agaibh air càil neònach neo èibhinn a dhèanamh? Innis dhuinn mu dheidhinn sin. 

Cha d’ fhuair sinn drathars no sìon air an àrd-ùrlair fhathast ach bha aon tè a bha gu math rùisgte ro dheireadh fear de na gigs againn o choinn ghoirid. Cuideachd bha oidhche eile a bha sinn a’ cluich an àiteigin is thòisich a h-uile duine san luchd-èisteachd a’ pògadh a chèile. Tha mi a’ ciallachadh a h-uile duine really cruaidh phògadh mar bha glue nar beul no ruideigin. Chùm sinn oirnn a’ cluich bha sin car neònach ge-tà.

Dè na boybands eile is toil leibh?

JLS/Boyzone/Skerryvore

Tha JLS air condoms ùr a’ thoirt a-mach. Mur nach robh bacadh air an airgead agaibh, dè an t-seòrsa merchandise a’ gheibhadh sibh fhèin le Niteworks sgrìobhte air?

Femdoms – airson a bhith cothromach.

12036265_10203698619986069_698256221_n

Cò nur measg a tha as tarraingeach dha na boireannaich?

Uill tha na triùir eile sa chòmhlan (Ailean, Innes, Chris) uile ceangailte is ann an gaol. Mar sin tha sin a’ fàgail mi fhìn Ruairidh Neil Greumach saor, deiseal is deònach airson a’ mhingle!

Nuair nach eil sibh a’ cluich le Niteworks, dè bhios sibh a’ dèanamh?

A’ cluich na geàmaichean Day Ring, Day Ball, no Breakish Tennis. Geàmaichean rinn sinn an àird sinn fhèin, ach chan urrainn ach daoine bho Bhreacais no a’ Bhraighe a’ dol an sàs annta.

Dè an ceòl as toil leibh fhèin?

Arabian Multi-triphop is Acid jazz house bho taobh tuath papa new Guinea

Dè an track as fheàrr leibh air a’ chlàr ùr agaibh?

Am fear dìomhair; a’ tòiseachadh 34 uairean às dèidh an track mu dheireadh crìochnachadh.

A bheil backstage rituals aig duine agaibh ron a tha sibh a’ dol air an ard-ùrlar? Dè th’ annta?

Bidh sinn uile a’ gabhail frasair còmhla a’ gabhail uallach den siampù is siaban mu seach. Tha seo math gus a’ cumail an comhlan glan, is fìor mhath mar bonding experience!

Innis dhuinn rudeigin nach bi fios aig duine sam bith mu do dheidhinn?

Hmmmmmm tha seo ro chunnartach!

Dè an gig a b’ fheàrr leibh a tha sibh air dhèanamh?

Dhòmhsa co-dhiù, feumar a ràdh gun robh a’ chiad triup a chluich sinn Hebcelt bha sin sònraichte math. Deagh fhaireachdainn cuairt an àite, is bha an luchd-èisteachd air bhoil!

Nam biodh tu dol a thadhail air Taigh na Gàidhlig dè bheireadh tu dhuinn?

An clàr ùr ‘NW’ obvs.

Dè tha ri tighinn san àm ri teachd airson Niteworks?

Barrachd gigs is fèisean gus an clàr againn a’ sgaoileadh fad is farsaing. Tha sinn an dùil cuideachd gum bi sinn ag obair air barrachd remixes, is ma dh’fhaoidte a’ faighinn daoine a-steach airson remixes a dhèanamh air tracks air a’ chlàr againn. Cùm sùil oirnn airson barrachd fhios fhad ‘s a thèid cùisean air adhart 😛

Tha tiocaidean fhàthast ri fhaighinn airson an gig aca a-maireach! Carson nach faigh sibh fear? Bheir leat na drathars còmhla riut! Am bi thusa a chiad neachd a tha air na drathars agad a thiligil air an àrd-urlar airson Niteworks? CHI SINN ANN SIBH 😀 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out /  Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s