Dè na rinn sibh airson na Nollaige?

Ricky Hannaway

‘S e seo an t-àm dhen bhliadhna nuair a bhios cuid de dhaoine ag ith’ agus ag òl cus, ‘s mi bha gu deimhinne. A bharrachd air sin ‘s e àm son na teaghlaichean a thighinn còmhla, oidhcheannan làn chabadaich, àbhachdas agus geamannan – gu deimhinne nach d’ rinn mise sin.

Sgàth ‘s gun robh m’athair air ais aig muir, chaidh mi fhìn ‘s mam a-null a dh’Uibhist far a bheil mo phiuthar a’ fuireach. ‘S e tràideasan a th’ ann, sinne a’ dol a-nuas no iadsan a’ tighinn a-nios a Leòdhas.

Cha robh mi ann ach son seachdain sgàth ‘s gu bheil mi a’ falbh a Ghlaschu son a’ Bhliadhna Ùir ‘s an uair sin Vietnam son mìos. Ach fhad ‘s a bha mi ann bha deagh spòrs agam.

A-measg a h-uile rud a rinn mi, bha mi a-muigh a’ coiseachd, a’ tadhal air daoine mu dheas ‘s mu thuath agus aig aifreann. ‘S caomh leam an t-àm seo, gu h-àiridh a’ dol dhan eaglais air oidhche na Nollaige, ‘s e rud sònraichte a th’ ann a bhith a’ dol mach aig 23:30 son seirbheis charol agus an uair sin an aifreann fhèin aig 00:00. As dèidh na seirbheis mar bu thrice dh’fhosglamaid tiodhlac bheag ach am bliadhna cha d’ rinn sinn e.

12449439_10156376045835113_934785080_o

Ged nach robh clann sam bith am broinn an taighe bha sinn air ar cois tràth sa mhadainn son na tìodhlaicean fhosgladh. Bha ceathrar againn, mam, Charlene, a bramair Brendan agus mi fhìn. Fhuair mi na flights son Vietnam bho mam ‘s dad agus rudan àbhaisteach mar smellies.

Tha iad a’ fuireach ann an Rhugashinish far am buin a theaghlach , mar sin thàinig màthair, athair agus an dithis phiuthar aig Brendan chun taighe. Rinn iad na tìodhlaicean aca ‘s an uair sin choimhead sinn na soaps – an rud as miosa san latha nam bheachd, ‘s lugha orm na soaps.

Co-dhiù as dèidh na soaps bha am biadh deiseil. Leis an dà theaghlach ri chèile ‘s e ochdnar a bha timcheall a’ bhuird. Abair spread a rinn mam ‘s Charlene, turkey agus beef agus na trimmings gu lèir. Ag èisteachd ri amhrain na Nollaige agus a’ togail selfie no dhà man a chì sibh.

12443829_10156376044815113_1149150440_o

Leis an fhirinn innse cha b’ urrainn dhomh coiseachd as dèidh dhomh dìnnear ithe, ach bha beàrn son Vienetta, tric a bhios beàrn son dessert.

Chaidh mi a-mach son cuairt leis a’ chù. Just to walk off the co-op delivery nam stamag, eil fhios agad.

San fheasgar thàinig an teaghlach air fad aig Brendan son geamannan a chluich. Bha sia duine deug uile gu lèir san seòmar-suidhe beag, feumaidh mi ràdh gu robh e blàth, ach comhfhurtail gu leòr. An toiseach chluich sinn Mr & Mrs, geama ainmeil a nochdas air an tbh. Cha robh càil a dh’fhios agam mu dheidhinn. Bha ochd buidhnean nar measg a’ cluich an aghaidh a chèile, bha dà phaddle aig gach fear, buidhe agus gorm. Bidh fios agaibh uile cò ris a tha e coltach….

12436522_1069881503036229_1712604288_o

An latha as dèidh Boxing Day chaidh mi son cèilidh air Josie, ach thachair rudeigin. Cho luath sa ràinig mi aig an taigh aice, dh’innis an car dhomh nach robh connadh sam bith air fhàgail na broinn – #lodgerfortheevening man a thuirt i fhèin. A-nis fhad ‘s a tha mi a’ sgrìobhadh a’ phìos seo, ‘s ann air a’ chouch a lorgas sibh sinn, a’ gabhail Sineabhar na Hearadh. Mar a chanas na seann dhaoine – tha e math ‘s tha e math dhut ‘s tha e math tric – ‘s e sin an fhirinn.

Deagh dhòigh a chuireas crìoch air deagh sheachdain ann an Uibhist agus ma gheibh mi air falbh bhon eilean seo tha Vietnam a’ feitheamh son mìos.

An dòchas gun robh Nollaig mhath dhuibh uile agus Bliadhna Mhath Ùr / Bliadhna Ùr Mhath (Uibhisteach) nuair a thig i.

Gordan MacCoinnich

Bha mi air ais dhachaigh sa Phloc airson àm na Nollaige.  Ged ’s e baile-beag trang as t-samhradh, ’s e baile gu math socair sa gheamhradh a th’ ann, ach aig àm na Nollaige bidh na Plocaich tilleadh bho na bailtean-mòra.  Le iomadh duine ionadail mun cuairt bidh gu leòr tachartasan sa bhaile agus san sgire Loch Aillse san fharsaingeachd.  Air Oidhche na Nollaige bha crannachair-bliadhnail ann an Taigh-òsda a’ Phluic. Bha ceud tiocaidean gan reic le duaisean leithid iPads is Kindles ri fhaighinn ach airson an t-siathamh bliadhna ann an sreath cha d’ bhunnaich mi sian.  Bha latha na Nollaige fhèin sàmhach sa bhaile leis a’ mhòir chuid còmhla ris na teaghlachan aca.  Air Là Fhéill Steafain/Là an Dreathain thàinig cluicheadairean bhall-coise seann is òg ri cheile airson geama càirdeil a chluich. Chriochnaich an geam còig an urra, agus cha d’fhuair mi mòran thadhail am bliadhna!  As-deidh a’ gheama chaidh gu leòr dhan Dòrnaidh airson cèilidh le Sketch le Darren Mac’IlleLeathain is eile agus bha ‘raimh’ ann as-deidh làimh.

12466310_10156353321065623_754449617888363934_o

Air Oidhche Challainn, bha fireworks is bonfire air losgadh air Eilean nan Gamhainn sa bhàigh a bha ri fhaicinn bhon phriomh shràid.  Bha mu 300 neach a-mach sa char-pàirc air a shon. As-deidh sin (ma bha thu fhathast comasach) chaidh cuid gu Talla a’ Bhaile airson cèilidh ach chaidh mi fhèin is eile mun cuairt nan taighean airson ‘a chiad-chuairt’ le botal is pìos-guail nam laimh.  Cha innsidh mi dhuibh dè uair a fhuair mi dha mo leabaidh….

Thill mi dhan bhaile mhòir an-diugh airson beagan socair fhaighinn!  Gus an ath thuras ma-ta.

1933791_10156353321550623_1782688822768736694_n

Amina Davidson

Nuair a bha mi deiseil a’ comharrachadh na Nollaige air an Eilean Sgitheanach, thàinig mi air ais dhachaigh a Dhùn Èideann airson na saor-laithean a chur seachad còmhla ri mo mhàthair. Cha d’rinn sinn tòrr airson an latha fhèin ach bha daoine againn a’ cèilidh oirnn sa mhadainn air oidhche Nollaig airson puirt ‘s strùpag a’ gabhail. Bha renditions den orain mar ‘O fair a-nall am botal’ agus ‘Tilleadh a Bharraigh’ a’ dol gu beul na h-oidhche. Dhùisg mi gu h-obann Madainn na Nollaig le fuaim a’ tighinn bhon t-seòmar-suidhe. ‘S e mo mhàthair a bh’ann a’ cur na prèasantan fon chraobh Nollaig… Chaidh mi air ais dhan leabaidh agus chaidil mi a-steach gu às dèidh meadhan-latha. Dhùisg mi dìreach air sgath ‘s gun robh fuaim uabhasach a’ tighinn bho aiteigin, an triop seo bho shuas an staidhre. Fraochail. Thòisich mi a’ dèanamh deiseil son an latha agus an uair sin, dh’fhosgail mi mo phrèasantan. ‘S e latha gu math sàmhach a bh’ann a chionn ‘s gun robh e dìreach mi-fhèin ‘s mo mhàthair ga chomharrachadh aig an taigh ach bha e laghach. Beagan na b’ fhaide san latha, bha barrachd charaidean againn a’ tadhal oirnn airson prèasantan a thoirt dhuinn. Nuair a dh’fhàg a h-uile duine, bha ’n t-àm ann airson dìnnear mu dheireadh thall! Chuir mi Na Dùrachdan air an rèidio agus shuidh sinn sìos airson biadh agus greiseag bheag. Ach cha b’ e greiseag a bh’ ann idir. Dh’ith mi faaaaada cus agus bha feum agam airson laigheadh sìos às a dhèidh! Ach ’s e latha uabhasach spòrsail a bh’ ann uile gu lèir! Slàinte mhòr na Hebrides gus an ath-bhliadhna!!

12435880_10208791388287730_769669859_n

Karen Oakley 

Dhùisg mi mu 8.30m, ‘s mi a’ cluinntinn mo pheathar (20) a’ bochdachdaich is a’ sgreuchail. Ach cha b’ e Bodach na Nollaig as coireach: bha a bana-charaid a’ mhadainn sin fhèin ann an gealladh-pòsaidh. Thàinig an naidheachd gun fhiosd air mo phiuthar agus cha mhòr nach cuala sinn mu dheidhinn sìon eile airson a’ chorr den latha. Siud an aois aig a bheil sinn ach saoilidh mi gu bheil gu leòr dhen leithid ri thighinn anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

Bha coignear againn aig an taigh airson na Nollaig am bliadhna: mo mhàthair, m’ athair, mi-fhìn is mo phiuthair agus Koko – cù beag, laghach a bha còmhla rinn fhad ’s a bha an teaghlach aige fhèin ann an Tenerife. Nach math gun robh e ann oir thug e deagh chothrom dhuinn a dhol air chuairt timcheall Creag Phàdraig ro dhìnnear mhòr na Nollaig.

12464960_10153240811336892_2079291244_o

A thuilleadh air an rèiteachadh agus a’ cù, cha robh mòran às an àbhaist mu Latha na Nollaig am bliadhna. ’S e m’ athair a ghabh os làimh na còcaireachd– a dh’ aindeoin ’s nach eil e sa chidsin 364 làithean sa bhliadhna – ‘s bha e a’ tàladh na circe mar gur i am pàiste aige fhèin.

12465577_10153240811436892_517741573_o

Gu traidiseanta, bidh sinn cuideachd a’ cluich board games às dèidh dìnnear. Is beag air mo mhàthair “organised fun” ach chan fhada gus an robh sinn uile air ar beò-ghlacadh le geama Scrabble, ged nach robh cead agam faclan Gàidhlig a chleachdadh (nàire!)

Cha b’ e ach 7f an uair a shìn sinn uile (an cù nar measg) air beulaibh an teine, sàraichte às dèidh latha gun mòran air a dhèanamh. Ged a bha sinn uile ris ar rud fhèin (bha mi fhèin trang ri leughadh) cha robh siud gu diofar. Seo aon de na h-amanan dhen bhliadhna a tha sinn uile le chèile, agus preasantan ann neo às, tha mi taingeil air a shon.

Lorna Young

Air latha na nollaige bha mi aig an taigh san Obain còmhla ri mo theaghlach bheag. Bha e uabhasach samhach, ach bha e snog. Dh’ ith sinn tòrr biadh, bha e cho blasta ach bha sinn uile cho làn! Rinn mo Mhathair an dinneir, tha i dìreach sgoinneil air còcaireachd! Cha robh sinn a’ dèanamh tòrr, ach thàinig m’ antaidh agus m’ uncail ’s na co-oghaichean agam mu sheachd airson deoch no dhà. Bha fealla-dhà againn! Chaidh mi a-mach air an oidhche gu Markie Dans còmhla ri mo charaidean agus bha e tòrr spòrs againn. Bha sinn a’ dannsa fad na h-oidhche!

10354093_1550179671969369_5944282357573232920_n

Jamie MacDonald

Thill mi gu Thiriodh airson na Nollaig comhla ri mo pheathraichean. Tha leanabh ur aig mo phiuthar mhòr agus mar sin, ‘s e Nollaig gu math fuaimeil a bh’ againn! Bha sìde fhiadhaich againn fad na h-uine agus leis a sin, bha trioblaid is strì aig Santa leis na deliveries dhan eilean, ach feumaidh gun do chleachd e Calmac oir rinn e an gnothach! Fhuair mi strings ùr airson na fidhle agam, cheers Santa!

12464025_1055854981125660_931541749_n

Bha mi fhin ‘s mo chòmhlan a’ cluich airson Dannsa na Bliadhn’ Ur aig An Talla airson na Bells. Bha gu leòr ann airson Dram agus Horo Gheallaidh! Slàinte, Jamie

12460048_1055852207792604_637056695_n

Mary NicLeòid

Tha e doirbh a thuigsinn gu bheil an Nollaig ullamh is gu bheil a’ Bhiadhn’ Ùr a’ teannadh oirnn. Thill mi dhachaigh dhan Eilean Sgitheanach son na Nollaig is fhuair mi co-fhurtachd am mionaid a fhuair mi tarsainn na drochaid. Chan eil facail ann a bheireas brìgh air na faireachdainn-cridhe a thig thairis ort nuair a bhios tu a’ tilleadh dhachaigh, gu h-àraid bhon a’ bhaile mhòr!

12494407_1042927155749097_677360919_o

 

Chuir mi seachad ùine cuide ri mo theaghlach ag itheadh, a’ cabadaich ’s ag argamaid air beulaibh na teine le m’ athair a‘ trod. Nach e sin a bhios teaghlaich a’ dèanamh? Chaidh mi a thadhal air nabaidhean is càirdean, cuid dhiubh tha nise fulang le droch shlàint’ is cuid eile a tha còmhnaidh mar a bha.

12516990_1042927032415776_1102455749_o

Chaidh an ùine seachad ann am priobadh na sùla is mus d’fhuair mi cothrom socrachadh bha agam ri dhol air ais air an rathaid. ’S mi bha tuirseach a’ smaoineachadh air an t-slighe fada air ais a Ghlaschu s’ thòisich mi a’ deiseileachadh nuair a chaidh am fòn. Fhreagair mi e is cò bh’ ann ach mo nabaidh. Fhuair mi ordugh gu robh agam ri stad aig an taigh air mo shlighe, gu robh rudeigin aca dhomh. Nuair a ràinig mi, dè bha feitheamh orm, ach poca làn bhuntàta, feòil is glasraich bhon chroit aca. “Cùmaidh sin a dol thu gus deireadh na Bliadhna Uir” dh’eigh ’ad aig beulaibh an dorais ’s a’ smèideadh. B’e siud am preasant a b’ fheàrr a fhuair mi, preasant làn choibhneas is tuigs. Chan fhaigh thu suid sa bhaile mhòr!

12510682_1042927165749096_1640370666_o

Seumas Charity

12528126_10207265236261060_325080227_n

Chaidh mi dhachaigh airson àm na Nollaig ann an Ulapul far am bi mo pharantan a’ fuireach. Bha mi air ais fad seachdain agus ag innse na firinn cha do rinn mi moran ach ithe agus ol. Thug mi leam mo bhaidhseagal le smuain gu robh mi dol a dhèanamh tòrr eacarsaich ach cha do dh’obraich sin a-mach gu mi fortanach ! Chunnaic mi mo charaidean sgoile nach faca mi airson  bliadhnaichean, mar sin bha i sgoinneil am faicinn cuideachd. ‘S e seachdain beagan dorainneach a bh’ann ach fhuair mi fois mhòr bho obair agus dh’ith mi biadh math.

12528173_10207265242381213_1230357168_n

Catriona NicIlleMhoire

Bha mi car iomagaineach am faighinn gu Uibhist am bliadhna idir le staid na sìde. Bha an t-aiseag againn air a chur dheth  feasgar Diciadain ach, gu fortanach fhuair sinn thairis madainn Diardaoin an 24mh. Leis a’ bhliadhna thrang a tha air a bhith agam tha mi air a bhith a’ cunntadh sìos na laithean chun na Nollaig agus àm dheth, bhon Lùnastal. Bha an teaghlach air fad ri chèile oir cha robh Christina, mo phiuthair a th’anns an ‘Merchant Navy’ , air falbh aig muir idir an turas seo WOOHOO.

12516067_10204035510848130_61455467_n

Tha mi a’ creidsinn gur e seo a chiad Nollaig agam mar ‘inbheach’ ceart. Cha do dh’èirich mi gu 10.30 agus ’s e mo phiuthair a dhuisg mi, a’ bocadaich sios is suas  agus i air bhoil mu dheidhinn na bha a’ feitheamh oirnn shìos na staidhre. Ga leantainn, ise a’ ruith, mi-fhèin cha mhòr a’ slaibhdeadh ’s mi fhathast nam chadal, rinn sinn ar slighe sios an staidhre. Abair sealladh a bha a’ feitheamh oirnn, a’ ciogadh tron doras aghaidh, bha sealladh àlainn leis a’ ghrian a’ deàrrsadh is am muir ciùin, latha eireachdail ann an Uibhist a Deas. Car ironic an aon latha nach robh CalMac a’ seòladh.

12510746_10204035513008184_1220999905_o

Dh’fhosgail sinn doras a chidsin far an robh an teaghlach air fad, Mum, Dad, Innes, Granaidh Uibhist agus Gen (Seanair) a’ feitheamh oirnn ri taobh teine mòr blàth. Bha mi an dòchas nach tug Bodach na Nollaig preasantan teoclaidd do duine sam bith oir bhiodh iad air an leaghadh, abair call!

12510190_10204035511288141_2049222984_o

Co-dhiù, bha na preasantan air am fosgladh le toileachas agus gràdh anns an adhar. Fhuair mi leabhar ‘ladybird’, fhios agad, na feadhainn a bh’agad mar phàist’, mu dheidhinn ‘Dating’. ‘S e sgeulachdan gòrach a bh’ ann ge-ta, bha mi an dùil gum faighinn tip neo dhà as…taing mam agus dad. Bha an dìnnear againn dìreach mìorbhaileach agus tha mi a’ creidsinn, mar a h-uile taigh, gu h-àraidh anns na h-Eileanan, fhuair sinn na ‘works’! Bha sinn uile gus burstadh. An deidh biadh mòr na Nollaig chluich sinn geama neo dhà agus ghabh sinn drama neo trì, neo ceithir…Deagh chrac, deagh Nollaig!

12509942_10204035511008134_855065483_o

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out /  Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s