11 Daoine a chì thu aig am Mòd Naiseanta Rioghail…

  1. Pàrantan Rùdasach

Tha sinn uile eòlach air an leithid… na pàrantan sin a bhios a’ fuaimneachadh nam faclan dhan chloinn fhad ‘s a bhios iad a’ seinn agus a’ dèanamh cinnteach nach eil fìù ‘s aon phìos fhalt a-mach à aite. Tha iad gu mòr a’ feuchainn gun gaire a bhriseadh air an aodann nuair a bhios a’ chlann aig daoine eile a’ diochuimhneachadh nam faclan. Na gabh dragh, mura faigh thu dhan fharpais idir, tha e ceart gu leòr. Bidh thu air a chluinntinn cho tric ‘s gum bi e faireachdainn mar gun robh thu ann co-dhiù – ‘Bha *cuir ainm a-seo* dìreach fìor mhath air Mairead Hulse a ghabhail, cha ghabhadh Dòmhall Ruadh Choruna a’ bhàrdachd cho math ris’

12179725_10203692195225454_1532759944_n

2. Na Belters

Farpaisean? Dè th’ ann an farpais? ‘S e an aon fharpais air a bheil iadsan eòlach cò as urrainn an leithid de dheoch làidir a ghabhail agus a bhith a’ cumail a’ dol fad na seachdaine! Tha TnaG nan deagh eisimpleirean air a seo agus tha na grùthan aca gu math eòlach air ciamar as urrainn dhut sin a dhèanamh. Mar as àbhaist gheibh thu lorg air a’ ghnè seo ann an buidhnean agus chan fhaic thu iad gus an oidhche leis gu bheil iad air a bhith a’ sabaid le droch chinn-dhaoraich fad an latha. Tha iad #MòdWaeIt

11982711_10203692198065525_1931142096_n

3. Luchd-Leantainn nan Còmhlain

OMC AN E CUIDEIGIN À CEÒL AN AIRE A THA SIN?! Guys guys…trobhad gus am faigh sinn 1,738 dealbh còmhla riutha!! Mur nach eil thu anns an roinn-seòrsa seo, tha fios gu bheil thu eòlach air cuideigin a tha. Tha mi cinnteach gu bheil thu a’ roiligeadh do shùilean dìreach smaoineachadh orra ach cha bhiodh am Mòd, neo na còmhlanan, an aon rud às aonais. Carson a bhiodh tu airson ruith as dèidh Harry Styles neo an leithid co-dhìu nuair a tha fìr mar Bernie Smith Jnr nar measg? Hahaha… ‘s dòcha gur e droch eisimpleir a tha sin…

12167866_10203692196625489_705109296_n

4. Na Bodaich

Tha na bodaich cha mhòr ‘s an aon roinn-seòrsa ris na Belters, ach tha iadsan tòrr a bharrachd nas hardcore. Tha na bodaich a chì thu aig a’ Mhòd anns an taigh-seinnse cho luath ‘s a tha e fòsgailte agus tha dràm aca nan làimh. Uill tha e fìor na tha iad ag ràdh – Cha deoch-slàint, i gun a tràghadh. Bidh faiceallach nach faighneachd thu airson òran – cha bhi iad airson stad agus dèan cinnteach gu bheil na brogan dannsaidh ort! Bidh iad feumach air com-pàirtiche as dèidh tè neo dhà eile!! Cuimhnich – gluais gu faicealleach le cupan làn…

11972997_10203692198505536_1612740912_n

5. An tè nach eil aig an fharpais ged a tha i ‘s a phrògram

A BHEIL MAIRI AN SEO? Feumaidh gu bheil i a’ ruith beagan fadalach. A BHEIL MAIRI AN SEO FHATHAST? Feumaidh gu bheil i trang aig farpaisean eile. A BHEIL MAIRI AN SEO? Feumaidh gu bheil i faisg a-nis..

Chan eil. Chan eil Màiri tighinn idir.

12167744_10203692197225504_2091075284_n

6. An duine a tha a’ dol a-mach an oidhche ron an fharpais aca agus chan eil guth aca a-nis

Tha Taigh na Gàidhlig eòlach air duine neo dithis….gun a bhith ‘g innse ainmean 😉 Bidh fios aig a h-uile duine eile cuideachd leis an ràpal a tha tighinn a-mach nuair a tha iad a’ toiseachadh ri bhith seinn neo bruidhinn. Feumaidh sinn ràdh chan eil sinn air seo fhaicinn ‘s na farpaisean oigridh fhathast ach ‘s dòcha gun tig e uair neo uaireigin!

12168095_10203692204065675_1354596152_n

7. Daoine nan Còisirean

Tha thu air coiseachd a-steach dhan taigh-seinnse agus tha e làn – mu cheathrad duine aig gach aois a’ gabhail medley de ‘Teann a-nall’, ‘Cànan nan Gaidheal’, ‘Cearcall a’ Chuain’ agus ‘s dòcha puirt neo dhà ma tha sibh fortananach – tha iad air nochdadh. Tha an t-seòrsa seo ag ullachadh airson na seachdaine seo fad na bliadhna – agus chan eil sinn a’ ciallachadh leis an seinn aca a-mhàin! Dhuinne, tha na còisirean mar rud gu math follaiseach aig a’ Mhòd agus tha an seinn aca – tron latha co-dhiù – a’ còrdadh ruinn.

11982898_10203692231546362_1378789083_n

8. Na daoine dìlseach a tha ag èisteachd ris na farpaisean air an rèideo gu dlùth nuair nach eil iad fìù ‘s aig a’ Mhòd

BBC Radio nan Gaidheal – ‘s e an slànaighear aig na daoine dìlseach seo nar measg. Chan eil iad air àm dheth fhaighinn bhon obair aca idir ach tha fhàthast fhios aca air gach facal a chaidh fhuaimneachadh ceàrr san t-Seann Nòs neo cò a dhiochuimhnich na faclan sa Bhonn Òr….agus tha sin air tachairt barrachd nam bithte an dùil!

12179142_10203692231946372_189609777_n

9. Na daoine bho thall thairis a tha Albannach ann an dòigh a’ choireigin…

“A bheil fhios agad gun robh mo shinn-shinn-shinn-shinn-sheanair as a’ Ghearasdan agus b’ e MacDhòmhnaill an sloinneadh a bh’ air. Feumaidh gun robh Gàidhlig aige.” Ar gaol dha na daoine seo. Tha iad dìreach cho cute. Tighinn dìreach airson an dualchas aca fhaicinn…. chan eil fhios gu bheil iad cho pròiseil nuair a dh’fhalbhas iad dhachaigh ge-ta as deidh na ‘Mòd states’ fhaicinn aig deireadh na h-oidhche! Haha!

12167808_10203692273227404_838497613_n

10. An nighean neo balach sin aig a’ bheil mu 20 bràistean air an tàidh aca

“Bhuannaich mi gach farpais airson an aois agam” – “Did ye aye?” Chan urrainn dhuinn sin fhaicinn leis an dealradh a tha tighinn bhon taidh ort – “oh, sin na bràistean”. Chan eil sinn idir ag ràdh nach urrainn dhut a bhith pròiseil air na tha thu air bhuannachadh ach ‘s e dìreach nach urrainn dhuinn an tartain agad fhaicinn leis an pailteas de bhràistean!!

12179964_10203692318548537_1318167603_n

11. Na duine a bhios cluich fonn a’ Mhòid fad na bliadhna

Am Mòd Naiseanta Rìoghail – Freshers Week dha na Gàidheil – tha mi creidsinn gum bi flu nam fresher air a’ mhòr chuid as dèidh làimh cuideachd!! Ach chan eil dòigh nas fheàrr airson faighinn seachad air na bhith a’ cumail ort mar nach eil e air criochnachadh idir! Chan fheum thu ach suidh sìos ann an taigh sheinnse – feuch fear Gàidhealach, chan eil mi a’ smaoineachadh gum biodh Spoons neo Campus cho toilichte le ceòl a’ Mhòid(!) – le cuideigin air a’ bhogsa a’ cluich ‘Seud nan Ceud Bliadhna’, am measg caraidean agus dràm nad làmh. Dìreach ‘s dòcha mu chòig thursan mun cuairt ge-ta….tha e fada ro chatchy airson a bhith ga chluich airson barrachd na sin – bhiodh e fhathast nad cheann ‘s tu sia troighean fon talamh!

12035158_10203692369869820_464674619_n

Advertisements